An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun fhactaraidh aluminium ann am Foithear, taobh Loch Nis. Nuair a chaidh an Canàl Cailleannach a thogail tràth san naoidheamh linn deug, thàinig gu leòr de luchd-turais a choimhead air na h-easan air Abhainn Feachlainn (no Foyers River mar a chanas daoine an-diugh). Dh’fhàs an t-àite ainmeil air feadh Bhreatainn.
Ron àm sin, cha robh mòran ghoireasan anns an sgìre do luchd-siubhail. Cha robh drochaid ann faisg air na h-easan. Ach bha craobh-laighe tarsainn na h-aibhne faisg air an eas àrd. A rèir aithris, bha fear a bha seo às an sgìre air mhisg. Bha e ag iarraidh dhol gu taobh thall na h-aibhne. Leis nach robh an t-eagal air, chaidh aige air a dhol a-null, dòigh air choreigin, air a’ chraoibh-laighe.
Ach, mo chreach, nuair a thill e don àite, agus e sòbair, thuig e an cunnart anns an robh e an latha roimhe. Agus thàinig bàs obann air le grèim-cridhe. Uill, ʼs e sin stòiridh a bhite ag innse do luchd-turais, co-dhiù!
Tha eachdraidh na factaraidh ann am Foithir gu math inntinneach. Cheannaich am British Aluminium Company an oighreachd ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895). Bha iad ag amas air dealan saor a chruthachadh le cumhachd an uisge. Bithear a’ cur feum air tòrr cumhachd an dealain airson aluminium a dhèanamh.
B’ fheudar dhaibh dam a thogail gu h-àrd os cionn Foithir. Cheangail iad ri chèile dà loch – Loch Gart agus Loch Farralainn. Chruthaich iad loch ùr ris an canar An Loch Mòr. Gu mì-fhortanach, air na mapaichean, tha e air a sgrìobhadh mar ‘Loch Mhòr’.
Chaidh trì rathaidean a chòmhdachadh leis an uisge ùr. B’ fheudar don chompanaidh rathaidean ùra a thogail. Chaidh pìosan fearainn croite fon uisge cuideachd. Fhuair na croitearan a chaill fearann fearann ùr o Thuathanas Ghoirtlig.
Bliadhna an dèidh sin, bha an fhactaraidh a’ dol. Fhuair iad a’ chlach-mhèinnir, ris an canar bauxite, tron chanàl. An toiseach, thàinig am bauxite à Èirinn agus às an Fhraing.
Bha am Morair Kelvin na chomhairleach don ghnothachas. Bha esan gu mòr airson ʼs gum biodh na Gàidheil a’ cur turasachd an dàrna taobh, a’ gabhail obair ann am factaraidhean a bhiodh a’ cleachdadh cumhachd dealain-uisge. Agus fhuair na ficheadan daoine obair anns an fhactaraidh ann am Foithir, ged nach robh a h-uile duine aca às an sgìre fhèin. Thog a’ chompanaidh baile ùr anns an robh còrr is sia ceud duine a’ fuireach.
Ach cha robh an leasachadh gun chall. Cha robh Gàidhlig aig a’ chuid a bu mhotha de na daoine a thàinig a-steach o àiteachan eile. Thug an leasachadh, mar sin, droch bhuaidh air staid na Gàidhlig ann an sgìre Shrath Fharagaig.
Dhùin an fhactaraidh ann an naoi ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1967). Bha i ro bheag agus bha an canàl fhèin ro bheag airson leigeil le soithichean mòra a dhol troimhe. Bha an aluminium a rinn i, mar sin, ro chosgail. Ach tha an togalach na sheasamh fhathast.