O chionn greis, bha mi ag innse dhuibh mu àite air a’ Ghàidhealtachd a dh’fhuiling ionnsaighean le bomaichean aig àm an Dàrna Cogaidh. B’ e sin Loch Iubh ann an Ros an Iar. An-diugh, tha mi a’ dol a thoirt sùil air àite eile air a’ Ghàidhealtachd a dh’fhuiling anns an aon dòigh.
’S e sin Foithear, taobh Loch Nis – no ann am Beurla, Foyers. Thig mi an-ceartuair don ionnsaigh-adhair. Ach, an toiseach, tha mi airson sùil a thoirt air an ainm-àite, oir tha ceangal ann eadar Foithear Loch Nis agus àiteachan air cladach Loch Iubh.
Ann an Gàidhlig Rois an Iar, canaidh daoine faithear no faithir ri àiteachan far a bheil leathad ann eadar cladach an latha an-diugh agus an seann chladach a bh’ ann o shean – a raised beach mar a th’ aca air ann am Beurla. Anns an fhaclair dhualchainnteach aige, tha Roy Wentworth ag innse seo dhuinn: faithir – arable or grazing land at shore, between the beach and the foot of [a] grassy slope going up to [a] raised beach, and sometimes on the raised beach itself. Tha An Fhaithear Mhòr agus An Fhaithear Bheag ann faisg air Inbhir Àsdail.
Tha Uilleam MacBhàtair ag innse dhuinn gur e an t-aon fhacal a th’ ann am Foithear, taobh Loch Nis. Tha e a’ ciallachadh ‘a slope, a terraced declivity’. Tha e boireanta. B’ e Fear Foithreach an t-ainm Gàidhlig a bh’ air the Laird of Foyers.
Tha abhainn a’ sruthadh sìos am bruthach an sin agus a’ tuiteam thairis air leac mhòr, a’ dèanamh eas a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba – the Falls of Foyers. Ann an Gàidhlig, bhiodh tu an dùil gur e sin Eas Foithreach. Ach, a rèir choltais, ’s e Eas na Smùide a chanadh muinntir an àite ris. Canaidh sinn smùid ris a’ water vapour a dh’èireas às an eas nuair a tha tòrr uisge ann.
Chaidh mi a choimhead air an eas agus tha an t-àite gu math drùidhteach. Ach bha an turadh air a bhith ann airson grunn làithean mus deach mi ann. Gu mì-fhortanach, cha robh mòran uisge anns an eas.
Tha an t-àite sìtheil agus bòidheach an-diugh. Tha e gu sònraichte àlainn as t-fhoghar nuair a tha na duilleagan ruadh is donn is buidhe. Ach cha robh e sìtheil air an treas latha deug dhen Ghearran, naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1941). Air an latha sin leig itealan-cogaidh Gearmailteach bomaichean air an fhactaraidh aluminium ann am Foithir.
Thuit dà bhoma air pìoban uisge ri taobh na factaraidh. Chaidh dithis fhear a mharbhadh – Murchadh MacLeòid agus Gilleasbaig MacDhòmhnaill – agus chaidh feadhainn eile dhen luchd-obrach a leòn. Chuir a’ bhanaltram ionadail agus buidheann de shaor-thoilich ionad-nursaidh air dòigh airson cobhair a dhèanamh orra.
Chaidh a h-uile uinneag anns an fhactaraidh a bhriseadh ach cha do chuir an ionnsaigh stad air obair na factaraidh ach airson latha no dhà. Trì mìosan an dèidh sin, thàinig itealan Gearmailteach eile. An turas seo, bha gunnaichean dìon aig an fhactaraidh. Loisg iad air an itealan agus chùm am pìleat a dol sìos Loch Nis, gun boma sam bith a leigeil.