FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Beurla Inbhir Nis

How ye doo’een? Ach yir se-en it. How’s yerself? No bad – it’s a smasheen day, ri’eenuff.

Audio is playing in pop-over.

Beurla Inbhir Nis

How ye doo’een? Ach yir se-en it. How’s yerself? No bad – it’s a smasheen day, ri’eenuff.

Tha mi a’ tòiseachadh na Litreach an-diugh le beagan Beurla. Buinidh i do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis.

O chionn ghoirid, fhuair mi leabhran a chaidh fhoillseachadh le Fòram Eachdraidh Ionadail Inbhir Nis. ’S e an tiotal a th’ air an leabhran ‘Old Inverness Words and Phrases’. Tha e a’ toirt sùil air Beurla Inbhir Nis. Tha e gu math inntinneach.

Tha cuid de na faclan sònraichte do Inbhir Nis. Mar eisimpleir – clacher. Chan e neach a tha ag obair gu proifeiseanta le clachan, ach cuideigin a tha a’ toirt taic don sgioba ball-coise ionadail – Clachnacuddin FC! Agus salachs – chan urrainn dhomh a ràdh am bi am facal sin a’ nochdadh ann an àiteachan eile. Ach tha e a’ ciallachadh ‘Salvation Army’ – salachs.

Nochdaidh cuid de na faclan ann an sgìrean eile – gu sònraichte air a’ Ghalltachd. Mar eisimpleir – scaffies airson luchd-glanaidh sgudail agus trachled – air a shàrachadh no air a chlaoidheadh le obair.

Tha earrann anns an leabhran mu fhaclan a thàinig a-steach a Bheurla Inbhir Nis bhon Ghàidhlig. Is beag an t-iongnadh, oir bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de mhuinntir a’ bhaile thairis air ceudan bhliadhnaichean.

Seo eisimpleir bhon bhriathrachas aca, leis a’ Bheurla ionadail an toiseach agus an uair sin am mìneachadh. Amadan – a fool. Uill, tha sin gu follaiseach bhon Ghàidhlig agus ’s e facal a chluinnear tric gu leòr fhathast. Cuideachd groyk – a fool, an awkward person – bhon Ghàidhlig gròig. Bodach – an old man – agus cailleach – an old woman. Tha an dà fhacal sin air an cleachdadh ann am Beurla air feadh na Gàidhealtachd – co-dhiù am measg dhaoine a bhuineas don Ghàidhealtachd.

Cyarack – left-handed. Chan eil an leabhran a’ mìneachadh mar a bhios daoine ga chleachdadh. Ann an Gàidhlig bidh sinn ag ràdh gu bheil cuideigin leis a’ chearraig no gu bheil a’ chearrag aige. Doorchan – a pine cone. Tha sin a’ tighinn bhon Ghàidhlig durcan. Dossan – fringe of hair on the forehead – bhon Ghàidhlig dosan.

Tha am facal cappach air an liosta cuideachd, a’ ciallachadh toothless. Tha am facal Gàidhlig cabach a’ ciallachadh ‘gun fhiaclan no le beul grànda’. Tha fhios gu bheil e stèidhichte air an fhacal cab. Tha cab a’ ciallachadh ‘beul’ ach tha faclair Dwelly ag innse seo dhuinn: ‘cab – mouth ill-set with teeth’.

Ann an Inbhir Nis, canar mappach airson very drunk and confused. Ann an Gàidhlig tha mabach a’ ciallachadh ‘stammering, stuttering’ – tha e co-cheangailte ri cainnt ach cha leig e leas a bhith co-cheangailte ri deoch làidir.

Tha an abairt mo-hooker ann am Beurla Inbhir Nis, a’ ciallachadh it doesn’t matter. Tha sin gu follaiseach bhon abairt Ghàidhlig ma thogair leis an dearbh chiall. Bidh e inntinneach faicinn dè mhaireas beò de na seann fhaclan is abairtean Gàidhlig ann am Beurla Inbhir Nis anns an ùine fhada.

Litir 1286 Litir 1286 Litir 1288 Litir 1288

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!