Halò a-rithist, a chàirdean. Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an-diugh. Càite air a’ Ghàidhealtachd am faicear soidhne ann an Gàidhlig a-mhàin a tha a’ dearbhadh chòraichean nan Gàidheal rathad a chleachdadh? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘còraichean laghail’.
Mus toir mi am fuasgladh dhuibh, tha mi airson ’s gun tuig sibh dè tha mi a’ ciallachadh le ‘rathad-ciste’. Tha ‘ciste-laighe’ a’ ciallachadh ‘coffin’. Tha rathad-ciste a’ ciallachadh ‘coffin road’. ’S e sin slighe a ghabhadh na daoine eadar am baile aca agus an cladh.
Bha mi a’ coiseachd air fear, agus tha sanas ann aig aon cheann dheth. Tha e ag innse dhuinn gur e ‘Rathad na Ciste’ an t-ainm air an rathad. Ainm Gàidhlig. Tha an rathad an ìre mhath cho dìreach ri saighead, a’ dol eadar abhainn agus cladh. No bha, aig aon àm. ’S e an abhainn Uisge Spè, agus ’s e am baile Baile Ùr an t-Slèibh.
Anns an t-seann aimsir, nuair a bhiodh daoine ann am bailtean beaga mar Noid agus Ràth Liath a’ bàsachadh, bha an cuirp air an toirt tarsainn Uisge Spè ann an coit. Bhiodh iad an uair sin air an giùlan air Rathad na Ciste gu ruige Cladh Bhrìghde – am fìor sheann chladh ann am Beannchar. Bha Baile Ùr an t-Slèibh air a thogail gu sear air a’ chladh tràth anns an naoidheamh linn deug.
Bha daoine a’ cleachdadh an rathaid gun duilgheadas fad nan ceudan. Tha a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais a’ sealltainn rathad dìreach gu Cladh Bhrìghde. Bha am mapa sin air a rannsachadh ann an ochd ceud deug is seachdad (1870).
Dìreach sia bliadhna an dèidh sin, ge-tà, dh’atharraich cùisean. Bha an rathad a’ dol tro fhearann a bha le uachdaran agus air a ruith mar thuathanas. Agus thog an t-uachdaran agus an tuathanach sabhal dìreach far an robh an rathad, goirid don chladh. Dhùin sin an rathad don chladh agus bha daoine gu math mì-thoilichte. Thug iad a’ chùis gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann. Fhuair iad taic bho neach-lagh ainmeil a bhuineadh do Bhàideanach – Peter Cattanach.
Anns a’ chùirt chaidh innse don uachdaran gun robh aige ri rathad eile a thogail don chladh. Agus bha aige ri soidhne a chur an-àirde, ag innse do dhaoine – ann an Gàidhlig – gun robh còraichean laghail aca dhol don chladh air an rathad ùr. An-diugh, mu cheud slat gu siar air an t-sabhal (a thathar a’ leasachadh an-dràsta), tha sanas a’ sealltainn na slighe ùir don chladh. Agus tha e ann an Gàidhlig. Tha e ag ràdh, ‘An Rathad Daingnichte le Lagh gu Cladh Bhrìghde’.
Chaidh mapa ùr sia-òirlich a tharraing ri chèile ann an ochd ceud deug, naochad ’s a naoi (1899). Tha sin a’ sealltainn na dà chuid – an sabhal agus an rathad ùr.
’S e freagairt na ceiste a chuir mi aig toiseach na Litreach – Baile Ùr an t-Slèibh. Ged nach eil a’ Ghàidhlig làidir anns a’ choimhearsnachd mar a bha aig deireadh an naoidheamh linn deug, tha aonad Gàidhlig anns an sgoil agus tha corra dhuine aig a bheil an cànan fhathast.