An t-seachdain seo tha mi a’ dol a thoirt mo chunntais mu Aonghas, Brìde agus a’ Chailleach Bheura gu ceann. Tha e stèidhichte air an leabhar Wonder Tales from Scottish Myth and Legend le Dòmhnall Alasdair MacCoinnich.
Chruthaich a’ Chailleach na diofar ghaothan as t-earrach, feuch stad a chur air teachd an t-samhraidh. Bha biadh air fàs gann. Cha robh comas aig na h-iasgairean falbh gu muir oir bha an aimsir ro gharbh. Air an oidhche, bhiodh a’ Chailleach agus a searbhantan a’ goid biadh bho thaighean. Bha fodar ann airson na sprèidhe ach shèid a’ ghaoth air falbh e.
Ach bha cùisean a’ dol an aghaidh na caillich. Shocraich an aimsir. Rinn an lach gàirdeachas. ‘Ha hà!’ thuirt i, ‘tha mi fhathast beò. Tha, agus mo shia iseanan.’
‘Fuirich ort!’ ars a’ Chailleach. ‘Chan eil mi ullamh fhathast.’
Air an oidhche, ghabh a’ Chailleach grèim air trì latha geamhraidh nach robh air an cur gu feum fhathast. Rinn i iasad dhiubh. Bha Aonghas mu-thràth air iasad a dhèanamh de thrì latha samhraidh bhon Lùnastal a ghluais e air ais don gheamhradh. Co-dhiù, rinn a’ Chailleach iasad air trì latha geamhraidh. Canaidh daoine ‘Trì Latha nan Òthaisgean’ no ‘Trì Latha Lomaidh nan Eun’ riutha.
Thàinig sneachd, clachan-meallain agus gaoth mhòr. Bha tuil anns na h-aibhnichean. Chaidh an lach agus a h-iseanan a mharbhadh. Chaill mòran daoine am beatha.
Ach bha an geamhradh a’ tighinn gu ceann. Dh’fhalbh a’ Chailleach gu tuath. Mus do dh’fhalbh i, thilg i a h-òrd draoidheil fo chraobh chuilinn. ’S e sin as coireach nach bi feur a’ fàs fo chraobhan-cuilinn chun an latha an-diugh.
Bha a’ Chailleach air muin-eich. Nuair a leum an t-each thairis air Loch Èite, thàinig e sìos gu cruaidh air leathad beinne. Dh’fhàg e comharra a chruidhean air a’ chreig. Canaidh daoine ‘Na Cruidhean’ ris an àite sin fhathast.
Lean an t-each agus a’ Chailleach orra gu tuath. Ghabh i fois air mullach Beinn na Caillich, faisg air an Ath Leathann anns an Eilean Sgitheanach. Bha i a’ feitheamh gus am biodh an latha cho fada ris an oidhche. Canaidh sinn ‘co-fhad-thràth an earraich’ ris an latha sin.
Thàinig Aonghas agus Brìde gu tìr air an latha sin. Chuir daoine fàilte orra. Anns na beanntan, bha gu leòr de na lochan fhathast reòite. Chuir Brìde a làmhan a-steach a loch far an robh an t-uisge fuar fuar. Chaidh a’ Chailleach Bheura na suain. Cha bhiodh i a’ dùsgadh a-rithist gus am biodh an samhradh agus am foghar seachad.
Cho luath ’s a bha Aonghas na rìgh agus Brìde na banrigh, thòisich am feur air fàs. Chuir na daoine sìl agus dh’iarr iad air Brìde gum biodh bàrr math aca. Bha an tìr gu lèir còmhdaichte le dìtheanan brèagha.
Tha Dòmhnall Alasdair MacCoinnich ag innse dhuinn mar cho-dhùnadh nach robh mìosachan ceart aig muinntir na h-Alba. Ach bha iad a’ tomhas na h-aimsir a rèir a’ chunntais mun dol a-mach eadar a’ Chailleach agus Aonghas is Brìde. ’S e an strì a bh’ ann eatarra an strì eadar earrach is geamhradh, fàs is bàs, solas is dorchadas, agus blàths is fuachd.