Bha mi ag innse dhuibh mu Aonghas agus Brìde ann am Wonder Tales from Scottish Myth and Legend le Dòmhnall Alasdair MacCoinnich. B’ e Aonghas mac na Caillich Bheura. Cha tigeadh aois air oir bhiodh e a’ fuireach fad a’ gheamhraidh ann an Eilean Uaine an Iar far nach tig seann aois air duine.
Chunnaic Aonghas Brìde ann an aisling an toiseach. Bhruidhinn e ri Rìgh an Eilein Uaine mu a deidhinn. Thuirt an Rìgh, ‘’S e Brìde a chunnaic thu. Nuair a thig an samhradh, bidh i ri do thaobh mar Bhanrigh an t-Samhraidh. Ge-tà, tha do mhàthair airson cumhachd a bhith aicese cho fada ’s as urrainn. Cha leig i leat a dhol faisg air Brìde. Fan thus’ an seo gus am bi na flùraichean a’ tighinn an-àirde.’
‘Feumaidh mi dhol a lorg Brìde an-dràsta,’ ars Aonghas.
‘Tha am Faoilleach ann,’ fhreagair an Rìgh. ‘Chan eil e iomchaidh.’
‘Cuiridh mi geas air a’ mhuir agus air an tìr,’ thuirt Aonghas. ‘Bheir mi trì latha iasaid bhon Lùnastal don Fhaoilleach.’ Rinn e sin agus bha trì latha àlainn aca, ged as e am Faoilleach a bh’ ann. Chleachd Aonghas na làithean sin airson Brìde a lorg. Cha robh e soirbheachail, ge-tà, agus thill an droch shìde. B’ fheudar do Aonghas tilleadh dhachaigh.
’S ann nuair a bha flùraichean an earraich air nochdadh a dh’fheuch Aonghas a-rithist. An turas seo, bha e soirbheachail. Lorg e Brìde anns a’ chaisteal far an robh i am bràighdeanas. ‘Bho seo a-mach, bidh daoine a’ cuimhneachadh an latha seo mar Latha Brìde,’ ars Aonghas. Agus ’s e sin an latha a bhios na Gàidheil a’ comharrachadh fhathast mar a’ chiad latha dhen earrach.
Thàinig sìthichean airson fàilte a chur air Brìde. Chuir Banrigh nan Sìthichean geas air Brìde. Dh’atharraich an t-aodach a bh’ oirre don t-seòrsa a bu shnasaile.
B’ e am bigean-Brìde a’ chiad eun a chuir fàilte air Brìde. Thuirt a’ Bhanrigh gum biodh an t-eun sin an uair sin aithnichte mar ‘eun-Brìde’. Agus, air a’ chladach bha a’ phioghaid-mhara a’ seinn le toileachas. Bhon uair sin, tha na Gàidheil air a bhith eòlach air an eun seo mar am Brìdean no Gille-Brìde.
Phòs Aonghas agus Brìde ann an lùchairt Banrigh nan Sìthichean. Bha na daoine agus na h-ainmhidhean toilichte. Ach cha robh a’ Chailleach Bheur toilichte. Nuair a chunnaic i am feur a’ fàs bha an cuthach oirre.
Bha each dubh aig a’ Chaillich. Leum a’ Chailleach air muin an eich agus dh’fheuch i ri Aonghas a lorg. Ach theich Aonghas agus Brìde. Ged a bha an t-earrach air tighinn, chruthaich a’ Chailleach gaothan gus am biodh coltas a’ gheamhraidh ann fhathast. An toiseach bha an Fheadag. Bha clachan-meallain na cois. Mhair i trì latha. Chaidh caoraich agus uain a mharbhadh leis an fhuachd.
An uair sin, bha a’ Ghobag. Bha i mar ghob eòin, a’ gobachadh air a h-uile rud. Mhair i naoi latha. An uair sin, bha an Sguabag ann. Bha a’ ghaoth cho làidir ’s gun do reub i geugan far nan craobh. Ach an do bhuannaich a’ Chailleach Bheura? Chì sinn nuair a chuireas mi crìoch air na stòiridhean seo an-ath-sheachdain.