Bha mi a’ bruidhinn mun t-soitheach-shaorsa, an William H Welch, a chaidh air na creagan faisg air beul Loch Iubh ann an stoirm. Ràinig triùir dhen chriutha An Uamhghaidh. Chaidh buidheann de chroitearan às a’ bhaile sin ann airson cobhair a dhèanamh air duine sam bith a ràinig an tìr beò.
Bha feadhainn fhathast air bòrd an t-soithich. Chunnaic na croitearan feadhainn air an sguabadh a-mach don mhuir. Chunnaic iad feadhainn air an sguabadh gu Eilean Furadh Mòr. Cha mhaireadh iad fada an sin anns an stoirm.
Gu fortanach, thàinig cuid seachad air rubha agus a-steach a bhàgh ris an canar An Camas Dubh. Chaidh cuid de na croitearan a-mach gu doimhneachd an guailnean sa mhuir airson feadhainn de na maraichean a tharraing a-steach. Nuair a ràinig na boireannaich an t-àite chuir iad teine thuige air a’ chladach. Ciamar a rinn iad sin, agus a h-uile càil còmhdaichte le sneachd, chan eil fhios a’m.
Thàinig dithis mhaor-cladaich à Geàrrloch. Bha loidhnichean losgaidh aca agus dh’fheuch iad ri an cur a-null don t-soitheach. Ach bha a’ ghaoth ro làidir agus an t-astar ro mhòr. Bha aon duine na laighe aig bonn bearraidh. Chunnaic na croitearan gun robh e fhathast beò. Chaidh fear dhiubh air ais dhachaigh airson àradh fhaighinn. Agus ’s iad dithis bhoireannach a shàbhail e.
Bha na daoine a thàinig air tìr ann am fìor dhroch staid. Bha iad rùisgte oir chaill iad an aodach anns na stuaghan. Thòisich duine no dithis a bha comasach air coiseachd leis a’ ghaoith. Ge-tà, chan eil baile sam bith an taobh sin. Bha iad gun teagamh a’ coiseachd a dh’ionnsaigh am bàis.
Gu fortanach dhaibh, bha an dithis a bha a’ ruith an taigh-sholais aig an Rubha Rèidh air cluinntinn mun tubaist. Choisich iad gu luath don Chamas Dhubh agus lorg iad feadhainn air an rathad. Thug iad na maraichean don chamas far an robh an teine. Shàbhail sin am beatha.
Bha na croitearan a rinn cobhair air na seòladairean Ameireaganach nan gaisgich an latha sin. Thug iad plaideachan far an leapannan fhèin airson na seòladairean a chumail blàth air a’ chladach. Ach bha feadhainn de na maraichean a thàinig beò tron tubaist air an cur ceàrr nuair a chuala iad na croitearan a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile. Dh’èigh fear aca, ‘A bheil mi anns an Ruis?!’
Chuala buidheann ann an Glaschu a bha a’ toirt taic do mharaichean Ameireaganach mun tubaist. Chaidh tè-stiùiridh na buidhne air an trèana le còig màileidean làn aodaich. Ràinig i Inbhir Nis agus ghabh i trèana eile a dh’Ach na Sìne. Chaidh i air làraidh a Gheàrrloch an uair sin oir bha na beò a-nise anns an ospadal an sin.
A-mach à còrr is seachdad duine air bòrd, cha do mhair beò ach dusan. ’S e gnothach air leth bàsmhor a bh’ ann. Tha pìosan dhen long – an William H Welch – na laighe fhathast air grunnd na mara ann an Caolas an Fhuraidh faisg air Eilean Furadh Mòr. Anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000) chaidh carragh-cuimhne a thogail airson nan daoine a chaill am beatha air cladach Caolas an Fhuraidh far an do rinn croitearan na h-Uamhghaidh an obair ionmholta air an latha uabhasach sin.