FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

An cuala sibh riamh air Dòmhnall Alasdair MacCoinnich? Bha e na sgrìobhadair agus na bheul-aithrisiche.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

An cuala sibh riamh air Dòmhnall Alasdair MacCoinnich? Bha e na sgrìobhadair agus na bheul-aithrisiche. Sgrìobh e gu leòr air creideamh, miotas-eòlas agus antrop-eòlas. Tha mi a’ dol a thoirt sùil air fear de na leabhraichean aige.

Fhad ʼs as aithne dhomh, cha do thogadh Dòmhnall leis a’ Ghàidhlig. Rugadh e ann an Cromba ann an Ros an Ear ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873). Thog e sgilean mar neach-naidheachd ann an Glaschu. Ann an naoi ceud deug ʼs a trì (1903) ghluais e air ais don Ghàidhealtachd. Bha e na dheasaiche air a’ phàipear-naidheachd The North Star. An dèidh sin, bha e ann an Dùn Dè agus Dùn Èideann, a’ sgrìobhadh airson phàipearan-naidheachd.

Bha ùidh mhòr aige ann am miotas-eòlas, no mythology. Am measg nan leabhraichean a sgrìobh e, tha Egyptian Myth and Legend, Indian Fairy Stories, Myths from Melanesia and Indonesia agus Crete and Pre-Hellenic Myths and Legends.

Cha robh obair agus a bheachdan gun chonnspaid. Mar eisimpleir, anns an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend, tha a h-uile càil ann am Beurla agus chan eil an t-ùghdar a’ soilleireachadh nan tùsan aige.

Co-dhiù, tha mi airson rudan a tharraing bhon chiad dà chaibideil anns an leabhar sin. Ma tha sibh eòlach air beul-aithris nan Gàidheal, faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air cho creideasach ʼs a tha e.

Tha Caibideil 1 mu dheidhinn ‘Beira, Queen of Winter’. Tha seo stèidhichte air a’ Chaillich Bheur no Bheura, caractar làidir ann am beul-aithris nan Gàidheal. Seo mar a tha an cunntas aig MacCoinnich a’ tòiseachadh: Dark Beira was the mother of all the gods and goddesses in Scotland. She was of great height and very old, and everyone feared her. When roused to anger she was as fierce as the biting north wind and harsh as the tempest-stricken sea. Each winter she reigned as Queen of the Four Red Divisions of the world …

Tha sin a’ sealltainn gu bheil an teacsa stèidhichte air dualchas nan Gàidheal. Cha bhiodh ‘the Four Red Divisions of the world’ a’ ciallachadh dad ann an saoghal na Beurla. Ach canaidh sinn sin fhathast ann an Gàidhlig nuair a tha sinn a’ bruidhinn air an t-saoghal air fad – ‘ceithir rannan ruadh an domhain’. Gu litreachail – ‘the four red divisions of the world’.

Tha an teacsa aig MacCoinnich ag innse dhuinn nach robh a’ Chailleach Bheura a’ faighinn bàs le aois oir bhiodh i ag òl uisge sònraichte à Tobar na h-Òige. Tha an tobar ri lorg air an Eilean Uaine – eilean a bhios air fleod air an taobh an iar. Tha an samhradh ann an sin an-còmhnaidh.

Nuair a dh’òladh a’ Chailleach an t-uisge, bhiodh i a’ fàs òg a-rithist. Ach, fhad ʼs a bhiodh an samhradh agus foghar a’ dol seachad, dh’fhàsadh i sean a-rithist. Agus, leis an aois, thigeadh droch shunnd agus fearg. Gu dearbh, bha i greannach.

Cha robh aice ach aon sùil. Bha a fiaclan ruadh mar a’ mheirg agus bha a falt cho geal ri canach an t-slèibhe. Bha a cuid aodaich liath agus bha seàla odhar thairis air a guailnean.

Chaidh i air feadh na Gàidhealtachd. Thathar ag ràdh gur i a chruthaich a h-uile beinn ann an Siorrachd Rois. Agus, an ath sheachdain, innsidh mi dhuibh mar a chruthaich i Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal.

Litir 1280 Litir 1280 Litir 1282 Litir 1282

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!