Bha mi ag innse dhuibh mu Unteroffizier Heinz Josaf, am ball dhen Luftwaffe a leum às an itealan aige le paraisiut anns an Dùbhlachd naoi ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1944). Thàinig e sìos faisg air a’ chladach anns an Loch Bheag, deas air Loch a’ Bhraoin ann an Ros an Iar.
Bha Heinz leis fhèin. Bha an còrr dhen chriutha marbh. Bha fios aig Heinz gun robh aige ri gèilleadh ri cuideigin. Ach, far an robh e – air Rubha Sgoraig – cha robh solas-taighe ri fhaicinn.
Chaidh e timcheall airson grunn uairean a thìde mus do lorg e taigh-croite. Bha boireannach agus a dithis nighean a-staigh. Ghnog an Gearmailteach an doras. Tha cuimhne aig tè de na nigheanan gun deach i don doras agus gun robh fear àrd na sheasamh an sin. Bha a làmhan os a chionn agus bha gunna-làimhe aige ann an tè dhiubh.
Ghabh an nighean an gunna bhuaithe agus dh’iarr i air a dhol a-steach. Thug iad biadh is aodach dha. An uair sin, chaidh tè de na nigheanan don nàbaidh a b’ fhaisge. Dh’iarr i air innse do na h-ùghdarrasan gun robh saighdear-adhair Gearmailteach a-staigh aca. B’ fheudar dha dhol tarsainn an Locha Bhig ann an eathar airson bogsa-fòn a ruigsinn.
Bha grunn chànanan aig Heinz ach cha robh a’ Bheurla nam measg. Bha an nighean air Laideann ionnsachadh san sgoil agus mar sin dh’fheuch i Laideann air. Bha an Gearmailteach cuideachd air Laideann ionnsachadh. Bha còmhradh eatarra ann am measgachadh de Laideann agus cainnt-shanais no sign language.
Taobh a-staigh grunn uairean a thìde bha soitheach aig a’ Chabhlach Rìoghail air Sgoraig a ruigsinn. Bha oifigear-poilis agus saighdearan armaichte air bòrd airson am prìosanach a thoirt air falbh. Ach bha an aimsir sgriosail agus b’ fheudar dhaibh feitheamh greis mus do dh’fhalbh iad. Bha an fhairge cho garbh ’s gun tuirt am poileas nach robh e airson a bhith ann am bàta a-rithist airson a’ chòrr de a bheatha!
Chaidh mì-fheum a dhèanamh, bho àm gu àm, de stuth-spreadhaidh thar bliadhnaichean a’ chogaidh ann an sgìre Loch Iubh. A bharrachd air luingeas, bha saighdearan air an trèanadh ann am Poll Iubh aig ceann an locha. Bha sin ann an ionad ris an cainte ‘The Highland Fieldcraft Training Centre’. Thòisich an t-ionad ann an Gleann Feithisidh anns a’ Mhonadh Ruadh ach ghluais e a Pholl Iubh anns a’ gheamhradh ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a trì (1943). Bha saighdearan a’ faighinn trèanadh ann an sgilean a’ bhlàir a-muigh fo stiùir a’ Mhorair Rowallan.
Dh’fheuch saighdear a bha seo ri bradain a ghlacadh le bhith a’ tilgeil greinèad a-steach a dh’Abhainn Iubh. Bha spreadhadh mòr ann. Gu mì-fhortanach, bha am Morair Rowallan faisg air làimh agus cha robh e toilichte!
Turas eile thug seòladairean cuireadh do bhoireannaich dhol air an HMS Bermuda ann an Loch Iubh. ‘Ciamar a tha an gunna seo ag obair?’ dh’fhaighnich tè de na boireannaich. Tharraing seòladair air an lainneard ach bha slige anns a’ ghunna. Chaidh i mu dhà mhìle agus thàinig i sìos faisg air taigh, a’ marbhadh muc agus a h-uirceanan agus a’ cur leanabh a-mach às a’ phram aige. Gu fortanach cha robh an leanabh air a ghoirteachadh.