Dè na h-àiteachan ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd a dh’fhuiling ionnsaighean bhon adhar anns an Dàrna Cogadh? Uill, tha fhios agam co-dhiù gun do dh’fhuiling sgìre Loch Iubh, faisg air Geàrrloch. Bha Loch Iubh air a chleachdadh mar thèarmann airson luingeas. Agus, anns an Ògmhios naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1941), chaidh ionnsaighean a thoirt air bhon adhar ceithir no còig tursan.
’S e Junkers 88 a bh’ anns na h-itealain. Thàinig iad à Stavanger no Trondheim ann an Nirribhidh. Bha Nirribhidh an uair sin fo smachd na Gearmailt.
Tha e inntinneach gun tug an Luftwaffe ionnsaigh air Loch Iubh aig an àm sin. Bha Breatainn air sgur o bhith a’ cleachdadh Loch Iubh mar acarsaid airson longan-cogaidh mòra. Agus cha robh iad air tòiseachadh air Loch Iubh a chleachdadh airson nan conbhboidhean Artach bha a’ dol don Ruis. Cha robh an Ruis agus a’ Ghearmailt nan nàimhdean fhathast. ’S ann anns a’ mhìos sin fhèin a thug a’ Ghearmailt ionnsaigh air an Aonadh Shòibhiatach.
Cha robh na h-ionnsaighean-adhair uabhasach soirbheachail. Air a’ chiad oidhche, bha na Gearmailtich dhen bheachd gun robh iad air boma a leigeil air long mhòr. Ach thug iad ionnsaigh, chan ann air soitheach ach air eilean. Tha Sgeir an Araig ann am meadhan an locha. Tha cumadh bàta oirre. Aig an àm sin, bha seadaichean agus crainn oirre. Bha e air a bhith furasta gu leòr a bhith a’ smaoineachadh – aig leth-uair an dèidh uair anns a’ mhadainn – gur e long a bh’ innte.
Chan ann air an oidhche a ghabh a h-uile ionnsaigh àite. Tha cuimhne fhathast aig feadhainn anns an sgìre air ionnsaigh tron latha. Bha na sgoilearan – aig Bun-sgoil Buail na Lùib faisg air an Allt-Bheithe – a’ cluich anns an raon-chluiche aig àm lòin.
Bha an t-itealan Gearmailteach cho faisg orra ’s gun robh a’ chlann a’ faicinn a’ phìleit. Smèid e orra agus smèid iadsan air ais. Bha am maighstir-sgoile às a bheachd mun ghnothach. Fhuair feadhainn de na sgoilearan strapadh airson a bhith smèideadh air an nàmhaid.
Agus, gu cinnteach, bha droch-rùn aig a’ phìleat. Leag e bomaichean air tè de na longan ann an Loch Iubh. Chaill e a thargaid – an Devon City – ach dh’fhuiling an soitheach-carago damaiste.
Rinn na h-ionnsaighean cron ach chaill an Luftwaffe grunn phlèanaichean. Bha gunnaichean-dìon trang nan aghaidh.
Gu h-annasach, chaill na Gearmailtich itealan ann an Ros an Iar còrr is trì bliadhna an dèidh sin. Bha sin anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1944). Dh’fhàg e Stavanger leis an amas fiosrachadh fhaighinn air an luingeas ann an Scapa Flow ann an Arcaibh. Ach chaidh cùisean ceàrr. Chaidh iad fada gu deas agus fhuair iad trioblaid leis an einnsean. Leum an ceathrar chriutha a-mach, a’ cur feum air na paraisiutan aca. Thàinig an t-itealan sìos faisg air Eilean Mhàrtainn air beul Loch a’ Bhraoin.
Cha do mhair beò ach aon duine – an t-einnseanair-iteil Unteroffizier Heinz Josaf. Tha dùil gun deach an triùir eile a chall aig muir. Gu fortanach dhàsan, thàinig e sìos faisg air a’ chladach anns an Loch Bheag, deasg air Loch a’ Bhraoin. Anns an ath Litir, innsidh mi dhuibh dè thachair dha an uair sin.