FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seanfhaclan à Asainte

Anns a’ chunntas-sluaigh ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) bha Gàidhlig aig 87 às a’ cheud (87%) de na daoine ann an Asainte.

Audio is playing in pop-over.

Seanfhaclan à Asainte

Anns a’ chunntas-sluaigh ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) bha Gàidhlig aig 87 às a’ cheud (87%25) de na daoine ann an Asainte. Mura h-eil sibh eòlach air an sgìre sin, tha i ann an taobh an iar Siorrachd Chataibh eadar A’ Chòigeach agus Eadar Dhà Chaolas. Tuigidh sibh, anns an naoidheamh linn deug, agus roimhe sin, gun robh an sgìre gu math math Gàidhealach.

Uill, bha mi fortanach gu leòr ’s gun d’ fhuair mi tiodhlac bho chuideigin o chionn ghoirid. ’S e leabhran a th’ ann a tha làn sheanfhaclan Gàidhlig. ’S e an tiotal air an leabhar ‘Gaelic Proverbs’. Chaidh fhoillseachadh le Club Leabhar ann an Inbhir Nis ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a trì (1973).

Agus dè an ceangal a th’ ann eadar an leabhar agus Asainte? Uill, ’s e boireannach à Asainte a chuir ri chèile an cruinneachadh de sheanfhaclan. B’ ise Barabra Nic Leòid agus bhuineadh i do Chlais an Easaidh. Chuala i gu leòr de na seanfhaclan aig a màthair.

Bidh gu leòr de na seanfhaclan aice aithnichte do dhaoine à sgìrean eile. Nochdaidh gu leòr dhiubh ann an cainnt is sgrìobhadh fhathast. Ach tha mi airson ur cur an aithne feadhainn nach eil cho cumanta.

Seo agaibh a’ chiad fhear: Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch. Ma bhios tu cliùmhor airson rudeigin math, bidh daoine a’ toirt maitheanas dhut ma thèid thu an aghaidh sin. Get a name of early rising and you can sleep late. Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch.

An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean. Adversity shows your true friends. An àm na h-èiginn, dearbhar na càirdean. Agus seo agaibh fear a tha gu math iomchaidh: An nì anns an tèid dàil, thèid dearmad. Delay anything and you neglect it. An nì anns an tèid dàil, thèid dearmad. Cha bhi fiach air beul dùinte. The person who keeps silent will stay out of trouble. Cha bhi fiach air beul dùinte.

Ciamar a chanamaid ann an Gàidhlig ‘friendship cannot be one-sided’? Uill, tha seanfhacal aig Barabra air an dearbh chuspair: Cha seas càirdeas air aon chois. Friendship cannot stand on one leg. Cha seas càirdeas air aon chois.

Tha e inntinneach cho tric ’s a tha mòine a’ nochdadh ann an seanfhaclan Gàidhlig, gu h-àraidh feadhainn à taobh an iar na Gàidhealtachd. Chan eil sin fìor mun Bheurla! Ach bha e fìor mu Asainte nan Gàidheal. Seo agaibh fear: Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris. Gu litreachail tha e a’ ciallachadh ‘you won’t know a person until you have burned a peatstack with them.’ Tha fhios gu bheil sin a’ ciallachadh gu feum thu bliadhna, no co-dhiù fad geamhraidh, a chur seachad le cuideigin mus bi thu eòlach orra. Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris.

Agus dè ur beachdan air an t-seanfhacal seo? Dà rud air nach còir feart a thoirt – trod chàirdean is sìth nàimhdean. Take no notice of a quarrel between friends or peace among foes. Tha gliocas ann a sin, nach eil? Dà rud air nach còir feart a thoirt – trod chàirdean is sìth nàimhdean.

Litir 1275 Litir 1275 Litir 1277 Litir 1277

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!