Bha mi ag innse dhuibh mu Dhùghall Bochanan ann an Raineach. Sgrìobh an t-Urr. Iain Mac na Ceàrdaich cunntas air anns an leabhar ‘Schiehallion’ a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905). Seo agaibh naidheachd no dhà mu Dhùghall bhon leabhar sin.
Bha bodach a’ fuireach ann an Ceann Loch Raineach. Bha e na ghobha na òige ach a-nise bha e sean agus lag. Latha a bha seo, ann am meadhan a’ gheamhraidh, bha cur is cathadh ann. Shaoil na balaich anns a’ bhaile gur e deagh spòrs a bhiodh ann nan càrnadh iad sneachd ri doras agus uinneagan taigh a’ bhodaich.
Airson adhbhar air choreigin, chaidh iad don mhaighstir-sgoile airson a thaic fhaighinn. Chaidh iad uile ann – Mgr Bochanan agus na balaich – agus chàrn iad sneachd ris an doras agus na h-uinneagan. Nuair a bha an obair dèante, dh’iarr am maighstir-sgoile air na balaich tighinn cruinn ann an cròileagan. ‘Nise, a bhalachaibh,’ thuirt e, ‘dè rinn sinn? Ghabh sinn brath air bodach bochd nach urrainn a dhìon fhèin. ’S e gnothach suarach a th’ ann.’
Thuirt Dùghall ris na balaich gum bu chòir do a leithid a bhith an aghaidh an cogaisean. Nam biodh iad fhèin sean agus lag, am biodh iad ag iarraidh gum fulaingeadh iad fhèin mar sin? Agus thuirt e gum biodh Dia mì-thoilichte leotha. Cho luath ’s a mheòraich na balaich air an droch rud a rinn iad, chaidh iad air ais don taigh. Chlìoraig iad an sneachd air fad. ’S e leasan a bh’ ann do na balaich agus cha do dhìochuimhnich duine aca e.
A bharrachd air a bhith a’ teagasg tron t-seachdain, bha Dùghall ag obair mar shearmonaiche air an t-Sàbaid. ’S e a bha trang! Bhiodh e a’ searmonachadh anns an eaglais, anns an sgoil agus eadhon a-muigh air toman aig amannan. Am measg na bhiodh a’ dol do na seirbheisean aige, bha buidheann de shaighdearan a bhuineadh do Shiorrachd Chataibh. Chanainn gun robh iad à Dùthaich MhicAoidh agus gun robh iad stèidhichte anns an taigh-feachd ann am Bràigh Raineach – faisg air ceann an iar Loch Raineach. Bha iad a’ ‘cumail na sìthe’ an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach. Ri taobh Drochaid Ghamhair, chithear ‘Rannoch Barracks’ air a’ mhapa fhathast.
Dh’ionnsaich Dùghall dàin spioradail Ghàidhlig bhuapa. Bha iad air an sgrìobhadh le fear Iain MacAoidh. Bhiodh na seann daoine ann an Raineach ag ràdh gur iad na dàin sin a bhrosnaich Dùghall gus a dhàin spioradail fhèin a sgrìobhadh.
A’ chiad turas a chaidh Dùghall a Bhràigh Raineach a shearmonachadh, thàinig sluagh mòr a-mach. Cha robh drochaid ann aig an àm agus thàinig daoine cruinn air gach bruach de dh’Uisge Ghamhair. Chan e sin a-mhàin ach bha nàimhdeas ann eadar na daoine air gach taobh dhen abhainn, deas agus tuath.
Sheas Dùghall air clach ann am meadhan na h-aibhne agus rinn e searmon cumhachdach. A rèir aithris, chaidh daoine bho gach taobh a-steach don abhainn airson a bhith an caidreabh a chèile. Air an latha sin, dh’fhalbh an naimhdeas eadar an dà shluagh.
Bha plàigh a’ dol timcheall na sgìre ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Ghabh Dùghall i agus chaochail e air an dàrna latha dhen Ògmhios. Dh’fhàg e dìleab mhòr às a dhèidh – ann an Raineach agus air feadh Alba nan Gàidheal.