FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dùghall Bochanan ann an Raineach (1)

Dh’inns mi dhuibh mu-thràth mun bhàrd agus sgoilear Gàidhlig, Dùghall Bochanan. Rinn mi sreath chunntasan mun duine ann an Litrichean sia ceud, caogad ’s a ceithir (654) gu sia ceud, caogad ’s a h-ochd (658).

Audio is playing in pop-over.

Dùghall Bochanan ann an Raineach (1)

Dh’inns mi dhuibh mu-thràth mun bhàrd agus sgoilear Gàidhlig, Dùghall Bochanan. Rinn mi sreath chunntasan mun duine ann an Litrichean sia ceud, caogad ’s a ceithir (654) gu sia ceud, caogad ’s a h-ochd (658). Chaochail Bochanan aig aois caogad ’s a dhà (52) ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Bha e an sàs gu mòr ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh gu Gàidhlig.

Bu toigh leam a dhol air ais a choimhead air Dùghall a-rithist anns an Litir seo. Tha mi air a bhith a’ toirt sùil air leabhar mu sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh ‘Schiehallion’ fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905). B’ e am ministear ann an Ceann Loch Raineach, an t-Urr. Iain Mac na Ceàrdaich, a sgrìobh an leabhar.

Ged a rugadh Dùghall anns an Iomaire Riabhach no Strathyre, faisg air Both Chuidir, chaidh e a theagasg ann an Raineach. Bha gràdh mòr aig daoine air anns an dà sgìre. Feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh a’ Ghàidhlig làidir ann an Siorrachd Pheairt agus Na Tròisichean aig an àm sin.

Tha Mgr Mac na Ceàrdaich ag innse dhuinn nach b’ urrainn duine na b’ fheàrr fhaighinn mar mhaighstir-sgoile ann an Raineach. Bha a’ Ghàidhlig aig Dùghall sàr-mhath, mar a bha a chuid Beurla. Agus bha e a’ cur sùim anns na sgoilearan aige. Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Raineach airson seachd bliadhn’ deug. Airson trì bliadhn’ deug dhiubh sin bha e anns an sgoil ann an Druim a’ Chaisteil, sear air Loch Raineach. An uair sin, bha e ann an Ceann Loch Raineach airson ceithir bliadhna.

Nuair a nochd e ann an Druim a’ Chaisteil an toiseach, b’ e a’ chiad rud a rinn e gun deach e a thadhal air a h-uile pàrant anns a’ cheàrnaidh. Dh’iarr e orra an cuid cloinne a chur don sgoil. Cha do dh’aontaich a h-uile pàrant sin a dhèanamh. Ach fhuair Dùghall sgoilearan gu leòr – balaich agus clann-nighean.

Bha Gàidhlig a-mhàin aig a h-uile sgoilear aige. Cha robh Beurla aig gin aca. Thòisich Dùghall air Beurla a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Chomharraich e gach rud anns an t-seòmar-sgoile agus rinn e cinnteach gun robh fios aig a’ chloinn dè a’ Ghàidhlig a bh’ orra. An uair sin thug e a’ Bheurla dhaibh air an son.

Chruthaich Dùghall seantansan beaga ann an Gàidhlig agus dh’iarr e air na sgoilearan an eadar-theangachadh gu Beurla. Cha robh iad a’ sgrìobhadh nam faclan an toiseach. Bhiodh sgilean sgrìobhaidh a’ tighinn na b’ fhaide air adhart.

Bha an t-oideachadh gu lèir dà-chànanach. Gach rud a rinn na sgoilearan ann an Gàidhlig, bha aca ri eadar-theangachadh gu Beurla. Mar an ceudna, an rathad eile. Gach rud a bha iad a’ dèanamh ann am Beurla, bha aca ri eadar-theangachadh gu Gàidhlig.

Bha iad ag ionnsachadh cunntadh anns an dà chànan. Agus, leis nach robh eadar-theangachadh dhen Bhìoball ann aig an àm, bhiodh iad a’ leughadh a’ Bhìobaill ann am Beurla agus ga eadar-theangachadh gu Gàidhlig Siorrachd Pheairt.

Thathar ag innse dhuinn gun robh Dùghall rudeigin cruaidh anns an t-seòmar-oideachaidh ach gum biodh e a’ falbh a-mach a chluich cuide ris a’ chloinn anns an raon-chluiche. Mar sin, bha a’ chlann gu math measail air. Bidh tuilleadh agam mu Dhùghall Bochanan ann an Raineach an-ath-sheachdain.

Litir 1273 Litir 1273 Litir 1275 Litir 1275

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!