FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Loch Raineach (1)

As t-samhradh sa chaidh bha mi air ais ann an sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Tha mi air a bhith anns an sgìre sin grunn tursan, ach roimhe seo cha robh mi air a bhith ann an Stèisean Rèile Raineach.

Audio is playing in pop-over.

Loch Raineach (1)

As t-samhradh sa chaidh bha mi air ais ann an sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Tha mi air a bhith anns an sgìre sin grunn tursan, ach roimhe seo cha robh mi air a bhith ann an Stèisean Rèile Raineach. Chuir mi sin ceart an turas seo. Tha an stèisean gu math iomallach, ged a tha e air an rathad-iarainn eadar Glaschu agus An Gearasdan.

Carson a bha mi ann? Uill, bha mi a’ toirt lioft do chuideigin a bha a’ dol a chur seachad an latha ann an sgìre eadhon nas iomallaiche. ’S e an ath stèisean air an loidhne-rèile, taobh a’ Ghearasdain de Raineach, Stèisean a’ Choire Odhair. Chan eil rathad ceart a’ dol ann ach tha ostail òigridh faisg air làimh agus tha taigh-bìdh aig an stèisean fhèin. Bidh daoine a’ falbh ’s a’ tighinn air an trèana.

Leis gum bithinn ann an sgìre Raineach fad an latha, shaoil mi gum biodh e tlachdmhor falbh a-mach air Loch Raineach ann am bàta. Agus thug mi bàta leam! Uill, cha robh ann ach geòla rubair a tha mòr gu leòr airson aon duine.

Stad mi air a’ chladach aig ceann an iar Loch Raineach, far an robh tràigh-ghainmhich, agus chuir mi am bàta a dh’at le pumpa. Cheangail mi an dà ràmh ris, chuir mi seacaid-shàbhalaidh orm agus dh’fhalbh mi air fleod. B’ fheudar dhomh faighinn seachad air lach agus a h-iseanan nach robh toilichte gun robh mi air an tràigh aca!

Rinn mi aon mhearachd ge-tà. Cha do chuir mi stuth-grèine air mo chasan airson an dìon an aghaidh solas na grèine. Bha briogais ghoirid orm agus chaidh mo chasan a losgadh leis a’ ghrèin.

Co-dhiù, chaidh mi an toiseach gu eilean air a bheil, air na mapaichean, Eilean Beul na Gaoire. Tha Beul sgrìobhte mar B-E-A-L air mapaichean an latha an-diugh ach bha e sgrìobhte mar B-E-U-L air na seann mhapaichean. Chanainn gu bheil an t-eilean mu acaire ann am meud. Tha e doirbh dèanamh a-mach an robh daoine riamh a’ fuireach ann oir tha e còmhdaichte an-diugh le preaslach de sheilich a tha gu math tiugh. Agus seo pìos beag fiosrachaidh nach toir mi seachad do dhuine ach luchd-leughaidh na Litreach – tha tràigh-ghainmhich bheag anns an eilean a tha fìor math airson snàmh!

Bha mi a’ gabhail iongnadh mu ainm na h-aibhne. Mar a shaoileas sibh, tha an t-eilean aig beul aibhne. ’S e River Gaur a th’ oirre mar ainm, co-dhiù a rèir mapaichean an latha an-diugh. Ach dè a’ Ghàidhlig air sin? Uill, bha cuid de na seann mhapaichean ag innse dhuinn gur e Abhainn Gaoire a bh’ oirre.

Shaoileadh sibh, le sin, gu bheil ainm na h-aibhne co-cheangailte ris an fhacal gaoir. Tha faclair Dwelly ga mhìneachadh mar ‘loud and continuous murmuring sound’.

Ge-tà, tha an t-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, ag ràdh gur e Gamhar – G-A-M-H-A-R a th’ air an abhainn mar ainm. Tha MacBhàtair dhen bheachd gu bheil Gamhar na dhreach Gàidhlig air ainm àrsaidh Ceilteach. Tha e a’ ciallachadh ‘uisge geamhraidh’ no ‘wintry stream’ leis gum biodh an abhainn a’ dol na tuil nuair a bhiodh sneachd a’ gheamhraidh a’ leaghadh. Dh’fhàg sin ceist nam cheann – am bu chòir don eilean a bhith ainmichte mar Eilean Beul a’ Ghamhair no Eilean Beul na Gamhair, seach Eilean Beul na Gaoire?

Litir 1269 Litir 1269 Litir 1271 Litir 1271

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!