An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann an sgìre Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Ghabh mi cuairt anns an loch ann an geòla rubair. An toiseach bha mi am beachd a dhol a-null gu crannag ann am meadhan an locha. Thòisich mi air an t-slighe ach dh’èirich a’ ghaoth, agus bha an loch gu math garbh.
Tha Loch Raineach an ìre mhath mòr. Bha a’ ghaoth a’ tighinn on àird an ear. Aig a’ cheann an iar dheth, far an robh mise, bha an fhaoileag air an loch. Tha mi a’ ciallachadh le sin gun robh stuaghan mòra ann, agus cìrean geala orra. White horses ann am Beurla. The seagull ann an Gàidhlig!
Co-dhiù, math dh’fhaodte gun robh sin iomchaidh oir ’s e an t-ainm air an eilean, air an robh mi ag amas, Eilean nam Faoileag. Tha mi an dùil gun robh na h-eòin a’ neadachadh ann uair no uaireigin.
Bha mi air an rathad a-mach don eilean agus a’ dèanamh adhartas an aghaidh na gaoithe nuair a ghabh mi beachd às ùr air a’ ghnothach. Bha mi leam fhìn. Cha robh bàta sam bith eile, ach curach no dhà, air bhog anns an loch. Nam biodh a’ gheòla agam air a cur bun-os-cionn le stuagh mòr, bhithinn ann an staing ann an uisge fuar. Cho-dhùin mi gun a bhith a’ leantainn orm chun an eilein. Bha e na bhriseadh-dùil ach tha mi fhìn agus an t-eilean fhathast ann am bith!
Ann am Beurla, canaidh feadhainn Tower Island ris an eilean oir tha tùr ann. Chithear an tùr gu furasta o bhruach an locha. Chaidh an tùr a thogail tràth anns an naoidheamh linn deug leis an uachdaran. Bha e na mhac-samhail air prìosan a thog fear de Chlann Dhonnchaidh air an eilean ùine mhòr roimhe. A rèir beul-aithris chuir an trustar sin a bhean anns a’ phrìosan. Leig sin leis a bhith ag ràdh – le fìrinn – ri athar boireannach eile nach robh bean aige beò air talamh Albannach. Ge-tà, chan e Loch Raineach an t-aon àite le sgeul dhen t-seòrsa sin!
Ach nach eil Eilean nam Faoileag ann an Alba? Uill, thà, ach chaidh a thogail le daoine. Chan e eilean nàdarrach a th’ ann. Mhothaich mi air mo shlighe ga ionnsaigh gun robh an t-uisge eu-domhainn ann an àiteachan. Tha oitirean ann. Math dh’fhaodte gur e sin a dh’adhbharaich gun robh na stuaghan air an loch cho mòr.
Agus thug an eu-doimhne sin cothrom do dhaoine crannag a thogail ann. Thug sin tèarmann dhaibh nuair a bha iad ann an cunnart. Bha nàdar de chabhsair air a thogail fon uisge don chrannaig bhon chladach a deas. Tha sin fada gu leòr – tha mu chòig ceud meatair eadar an cladach sin agus an t-eilean. Bhiodh an cabhsair a’ lùbadh a-null ’s a-nall. Bhiodh e doirbh do dhuine nach robh eòlach air a shlighe a dhèanamh a-mach don eilean. A rèir beul-aithris bha cuid de Chloinn ’ic Ghriogair a’ cleachdadh Eilean nam Faoileag mar thèarmann nuair a bha an stàit gan tomhas mar eucoirich.
Tha cunntas ann mu fhear a chuir seachad oidhche anns an tùr. Cha do chòrd e ris idir. Math dh’fhaodte nach robh ann ach fuaim na gaoithe no sgarrghail nam faoileag a chuir dragh air. Ach tha feadhainn a’ cumail a-mach gu bheil taibhsean gu leòr ann an Eilean nam Faoileag.