Bha mi ag innse dhuibh mu Cho-chòrdadh Pheairt. Fhuair Alba a cumadh a th’ oirre an-diugh – ach a-mhàin Arcaibh is Sealtainn. Thachair sin còrr is seachd ceud gu leth bliadhna air ais. An-diugh tha mi a’ dol a thoirt an t-sreatha Litrichean seo gu ceann. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mun chòrr de bheatha Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus mun dìleib a dh’fhàg e.
Bha triùir chloinne aig Alasdair. Bha nighean aige – Mairead – a rugadh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a h-aon (1261). An uair sin bha dithis bhalach aige. Rugadh Alasdair ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a ceithir (1264). Agus rugadh Daibhidh ochd bliadhna an dèidh sin. Ge-tà, mar a chì sinn, cha do shuidh duine aca air an rìgh-chathair.
Ann an dà cheud deug, seachdad ʼs a còig (1275), chaochail bean Alasdair, air an robh Mairead cuideachd. Bha i a’ fulang le tinneas no galar air choreigin. Bha a h-athair, Eanraig III Shasainn, air bàsachadh trì bliadhna roimhe. Agus bha a bràthair, Eideard I, a-nise na rìgh ann an Sasainn. Bhiodh esan ainmeil, tro thìde, mar fhear a dh’fheuchadh ri Alba a chur fo smachd Shasainn. Agus bha e air a chuideachadh le bàs na cloinne gu lèir aig Alasdair III fhad ʼs a bha esan fhathast na rìgh.
Chaochail Daibhidh an toiseach, ann an dà cheud deug, ochdad ʼs a h-aon (1281) ann an Caisteal Shruighlea. Bha e dìreach ochd bliadhn’ a dh’aois.
Chaochail Mairead ann an dà cheud deug, ochdad ʼs a trì (1283). Bha i air Rìgh Nirribhidh, Erik (mac Mhànais, ogha Hákon), a phòsadh. Bha i a’ fuireach ann an Nirribhidh. Bha aon nighean aca – Mairead (eile!). Ach chaochail màthair na h-ìghne aig àm na breithe no goirid an dèidh sin. Bha Mairead òg na bana-phrionnsa aig Alba. Ge-tà, a rèir lagh Nirribhidh, cha bhiodh cead aig boireannach suidhe air rìgh-chathair na dùthcha sin.
Cha robh air fhàgail beò de chloinn Rìgh na h-Alba ach Alasdair, a mhac a bu shine. Ach chaochail esan cuideachd, bliadhna an dèidh a pheathar. Bha e dìreach fichead bliadhna a dh’aois.
Bha Alasdair III dìreach anns na ceathradan. Bha e slàn, fallain agus bha ban-ogha aige ann an Nirribhidh – Mairead, ‘Maighdean Nirribhidh’. A dh’aindeoin sin, thàinig ìmpidh air bean ùr òg a lorg, gus am biodh prionnsa no bana-phrionnsa aig Alba. Phòs e tè de dh’uaislean na Frainge – Yolande de Dreux – air Latha na Samhna dà cheud deug, ochdad ʼs a còig (1285).
Ach gu mì-fhortanach, dìreach còig mìosan an dèidh sin, thuit an Rìgh far an eich aige. Bha e a’ marcachd a dh’ionnsaigh Kinghorn ann am Fìobh airson a bhean fhaicinn. Bha e leis fhèin ann an dorchadas na h-oidhche. Bhris e amhaich.
Bha Yolande trom le leanabh ach cha do mhair an leatromachd. B’ i Mairead ‘Maighdean Nirribhidh’ a-nise oighre do Chrùn na h-Alba. Bha i ro òg airson Nirribhidh fhàgail. Ceithir bliadhna an dèidh sin, chaidh i thar a’ chuain ach chaochail i air an t-slighe.
Bha Alba às aonais rìgh no banrigh no oighre don Chrùn. An dèidh rìoghachadh comasach an Dàrna agus Treas Alasdair, bha làithean dorcha agus cogaidhean na neo-eisimeileachd air fàire.