FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cabhlach Hákon (3)

O chionn beagan Litrichean, thuirt mi gum bithinn a’ toirt sùil air dà cho-chòrdadh eadar-nàiseanta a thug buaidh mhòr air Alba.

Audio is playing in pop-over.

Cabhlach Hákon (3)

O chionn beagan Litrichean, thuirt mi gum bithinn a’ toirt sùil air dà cho-chòrdadh eadar-nàiseanta a thug buaidh mhòr air Alba. Thug sinn sùil mu-thràth air Co-chòrdadh York ann an dà cheud deug, trithead ʼs a seachd (1237). Sin nuair a bha an dàrna Alasdair na Rìgh ann an Alba.

An t-seachdain sa chaidh bha sinn a’ leantainn Hákon IV, Rìgh Nirribhidh, an dèidh Blàr na Leargaidh Ghallta. Bha e air a dhol a dh’Arcaibh. ’S e an treas Rìgh Alasdair a bh’ air rìgh-chathair na h-Alba aig an àm sin. Cha robh Hákon air a bhith gu math fad greis. Agus ann an Arcaibh, air an t-siathamh latha deug dhen Dùbhlachd, dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263), chaochail e.

A rèir choltais, bha Hákon am beachd na sgìrean Lochlannach ann an Alba a ghlèidheadh. Ach an dèidh a bhàis, thàinig a mhac, Mànus VI, don rìgh-chathair. Bha esan a’ tuigsinn gun robh cumhachd Nirribhidh ann an Alba agus Eilean Mhanainn a’ sìor sheargadh.

As t-earrach, chuir Mànus teachdairean a dh’Alba. Cha d’ fhuair iad deagh èisteachd idir. Dh’inns iad do Mhànus gun robh Alasdair feargach mun sgrios a rinn na Nirribhich sa bhliadhna roimhe.

Fhad ʼs a bha teachdairean a’ dol eadar an dà dhùthaich, thug Alasdair ionnsaigh air Eilean Mhanainn. Dh’aontaich Rìgh Mhanainn – air an robh Mànus cuideachd – gum biodh e dìleas is taiceil do Rìgh na h-Alba. Taobh a-staigh bliadhna, bhiodh esan marbh cuideachd agus bhiodh Eilean Mhanainn fo ùghdarras Crùn na h-Alba.

Thug Alasdair ionnsaighean air na h-eileanan Albannach cuideachd. Mean air mhean bha smachd nan Nirribheach air eileanan eadar Ìle agus Leòdhas a’ fàs cugallach. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a còig (1265) chuir Rìgh Mànus dithis theachdairean cliùiteach a dh’Alba. Thuirt iad ri Alasdair gum biodh na Nirribhich riaraichte nam biodh smachd aig Alba air Bòd agus Arainn. Ach bha iad ag iarraidh smachd a chumail air a h-uile eilean eile.

Uill, cha robh Alasdair toilichte le sin. Bha grunn choinneamhan eile ann, an dà chuid ann an Nirribhidh agus Alba, mus tàinig an dà thaobh gu aonta. B’ e an t-aonta sin Co-chòrdadh Pheairt. Chaidh ainmean riochdairean an dà dhùthaich a chur ris ann am Manachainn nam Manach Dubha ann am Peairt air an dàrna latha dhen Iuchar, dà cheud deug, seasgad ʼs a sia (1266).

Fon aonta, leig na Nirribhich seachad an smachd a bh’ air a bhith aca air Eilean Mhanainn agus eileanan taobh an iar na h-Alba. Bho sin a-mach bhiodh na h-eileanan sin fo ùghdarras is uachdranachd na h-Alba. Cha bhiodh na h-eileanaich a bha a’ taobhadh le Nirribhidh air am peanasachadh. Agus bha iad saor gus falbh nam biodh iad air a shon.

Dè fhuair na Nirribhich às? Uill, ghlèidh iad Arcaibh agus Sealtainn. Agus fhuair iad sùim airgid – ceud marg gach bliadhna. Bha sin timcheall air seasgad ʼs a sia notaichean (£66) gach bliadhna – sùim glè mhòr aig an àm.

Eadar Co-chòrdadh York agus Co-chòrdadh Pheairt, choisinn Alba an ìre mhath an cumadh a th’ aice an-diugh, ach gu bheil Arcaibh agus Sealtainn a-nise mar phàirt dhith. Eatarra, dhearbh an dàrna agus treas Alasdair gun robh iad am measg nan rìghrean a bu bhuadhaiche a bh’ aig Alba riamh.

Litir 1267 Litir 1267 Litir 1269 Litir 1269

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!