Bha mi ag innse dhuibh mun chabhlach a chuir Rìgh Hákon a dh’Alba ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263). Dh’fheuch an dà thaobh ri thighinn gu rèite shìtheil. Ach dh’fhàilnich orra. Tha e a’ coimhead coltach gum biodh Rìgh na h-Alba, Alasdair III, riaraichte gun a bhith a’ faighinn smachd air cuid de na h-eileanan. Ach bha grunn eileanan ro chudromach dha.
Dè na h-eileanan? Uill, chan e na h-Eileanan Siar co-dhiù. B’ iad na h-eileanan a bha fìor phrìseil don dà thaobh – Eilean Bhòid, Arainn agus na Cumaraidhean – Cumaradh Mòr agus Cumaradh Beag. Bha iad cudromach a chionn ʼs gum biodh e furasta gu leòr faighinn gu meadhan na h-Alba, nam biodh smachd aca air Linne Chluaidh, far a bheil na h-eileanan sin.
Mar dhearbhadh air sin, chuir Hákon cabhlach suas Loch Long gu ruige Tairbeart Loch Laomainn. Thug na Lochlannaich an longan tarsainn gu Loch Laomainn fhèin. Às a sin, chaidh iad gu àiteachan ann am meadhan tìr-mòr na h-Alba, eadhon faisg air Sruighlea.
Bha Hákon airson sealltainn do mhuinntir na h-Alba cho cumhachdach ʼs a bha na Nirribhich. A bharrachd air sin, thug e ionnsaigh air tìrean nan Stiùbhartach faisg air Loch Laomainn. Bha na Stiùbhartaich air a bhith a’ toirt ionnsaigh air na h-eileanan ‘Lochlannach’ agus bha Hákon a’ dèanamh dìoghaltas orra.
Bha cuid de luchd-taice Hákon air a bhith a’ toirt rabhadh dha gun do sheòl iad à Bergen ro fhada anns an t-samhradh agus gun do dh’fhuirich iad ro fhada ann an Sealtainn. Fhad ʼs a bha am feachd aig Hákon a’ dèanamh sgrios air tìr-mòr na h-Alba, bha droch shìde an fhoghair air nochdadh. Bha gèile ann. Thug i droch bhuaidh air a’ chuid a bu mhotha de longan Hákon a bh’ air acair faisg air Arainn. Thathar ag ràdh gun deach deich longan Lochlannach a sgrios anns an stoirm.
Bha cuid de na longan air an iomain gu tìr faisg air an Leargaidh Ghallda. Bha boghadairean Albannach a’ feitheamh riutha. Bha strì is sabaid ann mus deach na Nirribhich air ais don chabhlach aca. B’ e sin tachartas air a bheil Blàr na Leargaidh Ghallda no ‘The Battle of Largs’. Chan e blàr mòr a bh’ ann idir agus cha do bhuannaich taobh seach taobh.
Cha robh e ciallach do Hákon fuireach anns an sgìre agus fìor dhroch shìde a’ gheamhraidh air fàire. Math dh’fhaodte gun robh e dhen bheachd gun robh e air gu leòr a dhèanamh airson dearbhadh gun robh smachd aige fhathast air cuid mhath de thaobh an iar na h-Alba. Thug e an cabhlach aige gu tuath, tro Chaol Àcain, gu ruige Arcaibh.
Ach cha robh an turas aige gun sgiorradh. Chaidh iad a-steach a Loch Euraboll air a’ chosta mu thuath. An sin bha sabaid air tìr le buidheann de dh’Albannaich a bha a’ cumail sùil orra. Air an naoidheamh latha fichead dhen Dàmhair, chaidh iad a-null a dh’Arcaibh. Chaill iad aon long eile air an turas-mhara air sàillibh na droch shìde. Às Arcaibh, chaidh a’ chuid a bu mhotha de na longan dhachaigh a Nirribhidh ach dh’fhuirich an rìgh ann an Arcaibh. Ge-tà, mar a chì sinn, cha bhiodh e beò fada.