Bha mi ag innse dhuibh mu Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus mar a chuir Rìgh Hákon Nirribhidh cabhlach mòr gu ruige Alba anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263). As t-Earrach, chuir Hákon teachdairean a dh’Arcaibh. Dh’inns iad do mhuinntir Arcaibh gum biodh cabhlach mòr a’ tighinn à Nirribhidh as t-samhradh. Agus lorg iad feadhainn aig an robh eòlas sònraichte air na h-eileanan agus na cladaichean.
Dh’fhàg an cabhlach Bergen tràth san Iuchar agus chaidh e an toiseach a Shealtainn. Bha e ann a sin airson ceala-deug fhad ʼs a bhathar a’ togail airgead bho mhuinntir Ghallaibh airson na h-iomairt. An uair sin, chaidh an cabhlach air adhart a dh’Arcaibh.
Anns na seachdainean roimhe sin, bha beachdairean Lochlannach air a dhol air thoiseach airson faighinn a-mach am biodh Hákon a’ faighinn taic air an taobh an iar. Dè cho dìleas a bhiodh na daoine agus an ceannardan ionadail dha?
Fhuair iad droch naidheachd bho Latharna. Bha an ceannard acasan – Eòghann Latharna – air foillseachadh gum biodh e dìleas do Rìgh na h-Alba. Cha bhiodh e furasta do Hákon maraichean is saighdearan fhastadh anns na sgìrean sin.
Bha fios air a bhith aig muinntir na h-Alba fad mhìosan gun robh an cabhlach a’ tighinn. Bha beachdairean a’ cumail sùil air na longan Nirribheach fhad ʼs a bha iad a’ dèanamh an slighe à Arcaibh. Thog na h-Albannaich longan cogaidh, ged nach b’ urrainn dhaibh cabhlach a chur ri chèile a bhiodh cho mòr ri cabhlach Nirribhidh.
Rinn na h-Albannaich armachd agus chuir iad ris na daingnichean aca – cho fada deas ri Gall-Ghàidhealaibh. Lìon iad na taighean-stòraidh aca le gràin agus feòil. Phàigh iad airson sin le cìsean sònraichte a thog iad anns na sgìrean a bu mhotha a dh’fhuilingeadh nan tigeadh na Nirribhich gu tìr.
Dh’fhuiling muinntir Ghallaibh gu mòr. Chuir Hákon cìs orra aig toiseach an Iuchair, agus dh’òrdaich Alasdair gum biodh còrr is fichead Gallach air a chumail an grèim le Siorram Inbhir Nis mar ghiallan. Bha cogadh air fàire. ʼS iongantach mura robh eagal air gu leòr de dh’Albannaich tron earrach is samhradh.
Thionndaidh an cabhlach aig a’ Pharbh agus chaidh iad gu deas. Ràinig iad an caolas eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. ʼS e Caol Àcain a th’ againn air a’ bhaile air an taobh Sgitheanach chun an latha an-diugh – a’ ciallachadh ‘Caol Hákon’.
Chùm an cabhlach a dol gu ruige Muile agus Cearrara. Fhuair iad taic an sin bho chuid de cheannardan ionadail, leithid Dhubhghaill a bha na ‘rìgh’ air na h-eileanan fo àrd-uachdranachd Nirribhidh. Chuir Dubhghall agus Rìgh Mànus Eilein Mhanainn longan is daoine ris a’ chabhlach. Ged a bha ùghdarras Nirribhidh air a bhith car fad-às fad ùine, thug gu leòr de mhuinntir nan eilean taic do Hákon. Ghabh iad smachd air Cinn Tìre agus air Eilean Bhòid.
Aig a’ cheann thall, bha còrr math is ceud long aig Hákon. Bha an rathad fosgailte dha gu meadhan na h-Alba suas Abhainn Chluaidh. Tha e a’ coimhead coltach, ge-tà, nach robh Hákon no Alasdair ag iarraidh cogadh. Chuir Hákon teachdairean, a’ gabhail a-staigh dithis easbaigean, gu cùirt Alasdair. Chuir Alasdair a theachdairean fhèin – manaich Dhoiminiceach – gu Hákon. Aig a’ cheann thall ʼs e na thachradh do bhuidheann de dh’eileanan a chuir stad air aonta. Ach dè na h-eileanan? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.