Sin sibh a-rithist, a chàirdean. An-diugh, agus anns na beagan Litrichean romhainn, tha mi a’ dol a thoirt sùil air dà cho-chòrdadh nàiseanta agus dà rìgh Albannach – no dithis rìghrean mas fheàrr leibh.
Bha rudan anns a’ chumantas eadar na rìghrean. Bha an t-aon ainm orra. Dh’aontaich iad cùmhnant no co-chòrdadh le nàbaidh cumhachdach – a thug buaidh mhòr air an rìoghachd. Agus chaochail iad nuair nach robh dùil air am bàs. Tha mi a’ dol gur toirt air ais don treas linn deug.
B’ e a’ chiad rìgh Alasdair mac Uilleim, no Alasdair a Dhà (II). Thàinig e don rìgh-chathair le bàs athar, Uilleam mac Eanraig no Uilleam Garbh. Tha esan aithnichte mar William the Lion ann am Beurla. Bha bàs nàdarrach aige ann an dà cheud deug is ceithir-deug (1214).
Bha Alasdair II dìreach sia bliadhn’ deug a dh’aois nuair a fhuair e àite air rìgh-chathair na h-Alba. Bha e air a chrùnadh ann an Sgàin. Bha Alasdair air ùine a chur seachad ann an Sasainn agus chaidh e an sàs ann am poilitigs na dùthcha sin. Ann an dà cheud deug is còig-deug (1215) chuir e armailt Albannach a-null thar na crìche.
Bha strì eadar uaislean Shasainn agus Rìgh Eòin. Bha na h-uaislean soirbheachail an toiseach. Dh’aontaich Rìgh Shasainn ris an aonta air a bheil Magna Carta. Fon chùmhnant sin, cha robh an rìgh uile-chumhachdach tuilleadh.
Ach chaidh Rìgh Eòin an aghaidh sin aig a’ cheann thall, a’ cumail a-mach gun robh e fo uallach agus fo ìmpidh nuair a dh’aontaich e ri Magna Carta. Bha cogadh catharra ann an uair sin, agus ghabh Alba taobh nan uaislean, an aghaidh Rìgh Shasainn.
Ràinig armailt na h-Alba cladach a deas Shasainn. Ach chaochail Rìgh Shasainn ann an dà cheud deug is sia-ceud (1216) agus thàinig sìth a-rithist fo mhac Eòin – Eanraig III. Thill armailt na h-Alba dhachaigh.
Bha càirdeas doirbh eadar Eanraig agus Alasdair II na h-Alba. Bha Alasdair pòsta aig piuthar Eanraig, ach bha Eanraig ag iarraidh air Alasdair gabhail ri àrd-uachdranachd Rìgh Shasainn. Ge-tà, bha Alasdair ag agairt nan siorrachdan ann am fìor cheann a tuath Shasainn, eadar Northumbria agus Cumbria, a bhith fo uachdranachd na h-Alba.
Thàinig an dà rìoghachd gu aonta ann an dà cheud deug, trithead ʼs a seachd (1237). Chuir iad an ainmean ris an aonta ann an York. Mar sin, ʼs e Co-chòrdadh York a thathar a’ gabhail air. Ge-tà, bha co-chòrdadh eile gu bhith ann eadar Alba is Sasainn air a bheil, an latha an-diugh, ‘The Treaty of York’. Bha sin ann an ceithir cheud deug, seasgad ʼs a ceithir (1464).
Co-dhiù, fon chòrdadh anns an treas linn deug, chaidh aontachadh gum biodh na siorrachdan eadar Northumbria agus Cumbria a’ fuireach aig Sasainn. Bha cead aig Alasdair, agus a shìol, fearann a chumail ann an Sasainn fo laghan fiudalach. Agus chaidh a’ chrìoch eadar an dà rìoghachd aontachadh. Bhiodh i eadar Linne Shalmhaigh air an taobh an iar agus Uisge Thuaidh air an taobh an ear. Chun an latha an-diugh, sin far a bheil a’ chrìoch eadar Alba ʼs Sasainn. Bha dìreach dà phìos bheag fearainn taobh a-muigh sin – na ‘Debatable Lands’ air an taobh an iar agus baile Bhearaig air an taobh an ear.