Bha mi ag innse sgeul mun Dreathan-donn. Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh. Cha b’ urrainn dha èirigh.
Thàinig balaich a-bhàn ga lorg. Thug iad am bodach an-àirde don taigh air cuibhrig. Chuir iad air an leabaidh e. Bha an leabaidh ri taobh na h-uinneig.
Thàinig an dreathan-donn an-àirde on chladach. Bha an crodh agus an tarbh ag ithe anns a’ phàirc. Chaidh an dreathan chun an tairbh. ‘Chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein,’ thuirt e ris. ‘Agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal.’
‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich an tarbh, ‘ach chan fhaigh mi thuige.’
‘Nach cuir thu do dhà adharc fon doras,’ ars an dreathan-donn, ‘agus an doras a thogail far nam banntaichean.’
‘Cha chreid mi nach e sin a nì mi,’ thuirt an tarbh. Agus anns an dòigh sin, dh’fhosgail e doras an t-sabhail. Chaidh an tarbh agus an crodh a-steach agus dh’ith iad a h-uile dad a bh’ ann – snèipean, coirce, feur – gus an do sgàin iad. Bha iad marbh.
Mu dheireadh thall, thàinig an dreathan-donn a-steach. Bha galla ann, agus cuileanan aice. ‘Ò, a bhròineag,’ thuirt e ris a’ ghalla, ‘tha an t-acras ort.’
‘Tha, tha an t-acras orm,’ dh’aontaich a’ ghalla.
‘Uill,’ ars esan, ‘ma nì thu aon rud dhòmhsa, bheir mi dhut biadh gu leòr.’
‘Dè nì mi dhut?’ ars a’ ghalla.
‘Ma mharbhas tus’ am madadh a mharbh a’ chaorag,’ thuirt e, ‘bheir mi dhut feòil gu leòr.’ Dh’iarr an dreathan-donn air a’ ghalla fuireach aig doras saobhaidh a’ mhadaidh-ruaidh. Chuireadh esan am madadh a-mach air car meallta, agus bhiodh a’ ghalla ga mharbhadh.
Chaidh an dreathan-donn don t-saobhaidh. ‘Och och,’ thuirt e ris a’ mhadadh-ruadh, ‘nach eil thu cianail ann a sin? Tha biadh gu leòr a-muigh an seo.’
‘Cuiridh mi geall gu bheil,’ ars am madadh.
‘Tha fhios a’m gu bheil,’ fhreagair an dreathan-donn.
‘Ma tha,’ ars am madadh-ruadh, ‘thig mi a-mach agus gheibh mi mo chuid dheth.’ Thàinig am madadh a-mach às an t-saobhaidh agus mharbh a’ ghalla e.
‘Uill, uill,’ thuirt an dreathan-donn ris a’ ghalla, ‘ma thèid thu a-bhàn don chladach, chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh. Gheibh thu do leòr de bhiadh.’
‘Tha mi a’ creidsinn gum faigh,’ thuirt a’ ghalla. Chaidh i a-bhàn gu far an robh an t-each marbh agus fhuair i feòil gu leòr.
Bha a-nis an dreathan-donn ann agus an oidhche sin, ʼs e oidhche cur-cathaidh a bh’ ann. Thachair gun robh uinneag a’ bhodaich fosgailte. Nuair a bha an dreathan-donn faisg, shèid a’ ghaoth a-steach e. Rug am bodach air. ‘Aha!’ thuirt e, ‘cha chreid mi nach d’ fhuair mi a-nis thu!’
‘Leig às mi,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Tha meall òir agam fo mo sgiath dhut. Ma dh’fhosglas tu do làmh, bheir mi dhut e.’
Rinn e sin agus chac an dreathan-donn air a làimh. Leum an t-eun a-null dhan dreasair. Dh’èirich am bodach agus thog e cromag. Leum an dreathan-donn a-null don sgeilp agus don mhantelpiece. Bha am bodach a’ briseadh a h-uile dad a bh’ ann leis a’ chromaig. Chan eil fhios agams’ nach eil iad mar sin fhathast – an seann tuathanach agus an dreathan-donn!