Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mar a chaidh crìoch a deas na h-Alba aontachadh le Sasainn ann an dà cheud deug, trithead ʼs a seachd (1237). B’ e Alasdair II Rìgh na h-Alba aig an àm. ʼS e Co-chòrdadh York a chanas sinn ris an aonta. Mar sin, tha crìoch a deas na h-Alba air a bhith an ìre mhath aithnichte ann an lagh airson faisg air ochd ceud bliadhna.
Bha Alasdair pòsta aig Joan, piuthar Eanraig, Rìgh Shasainn. Ach chaochail Joan ann an dà cheud deug, trithead ʼs a h-ochd (1238). Cha robh clann aca. Bliadhna an dèidh sin phòs Alasdair às ùr. B’ i an dàrna bean aige Marie de Coucy, ball de dh’uaislean na Frainge. Dà bhliadhna an dèidh sin, rugadh leanabh-gille dhaibh – Alasdair mac Alasdair. An ceann tìde bhiodh esan na rìgh cuideachd – Alasdair III.
Anns na beagan bhliadhnaichean air fhàgail aige air an rìgh-chathair, dh’fheuch Alasdair II ri smachd a thoirt air pàirtean de thaobh an iar na h-Alba nach robh dìleas dha. Cuideachd, bha a shùilean air na tìrean Lochlannach, leithid nan Eilean Siar, a thoirt fo smachd na h-Alba. Bha e an sàs anns an iomairt sin nuair a chaochail e ann an Eilean Chearrara ann an dà cheud deug, ceathrad ʼs a naoi (1249).
Cha robh a mhac, Alasdair III, ach na ghille. Bha e faisg air ochd bliadhna a dh’aois. Tha fìor sheann dealbh de dh’Alasdair air latha a chrùnaidh ann an Sgàin. Tha Ollamh Rìgh na h-Alba – am prìomh bhàrd – a’ cur fàilte air an Rìgh òg leis na faclan ann an Gàidhlig ‘Beannachd Dhè [air] Rìgh na h-Alba’.
Bha Alasdair ro òg airson a bhith a’ riaghladh na dùthcha. Bha tànaisteachd ann agus bha a mhàthair mar phàirt dhen riaghaltas. ʼS e uaislean a bha an ìre mhath a’ riaghladh na h-Alba gus an do ràinig Alasdair aois inbhich.
Nuair a bha e fhathast òg, phòs Alasdair Mairead, nighean Rìgh Eanraig Shasainn. Bha sin a’ daingneachadh nan ceanglaichean le Sasainn agus a’ lagachadh nan ceanglaichean leis an Fhraing. Bha Alasdair dìreach deich bliadhna a dh’aois.
Bha a’ bhanais ann an York. An latha roimhe, Latha na Nollaige dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251), bha ridireachd air a buileachadh air Alasdair le Rìgh Eanraig. Bha Eanraig ag iarraidh gum biodh Alasdair a’ gabhail ris gun robh àrd-uachdranachd aig Rìgh Shasainn air. Ghabh Alasdair ris gun fheumadh e a bhith dìleas do dh’Eanraig a thaobh an fhearainn a bha le a theaghlach ann an Sasainn. Ach cha do ghabh e ris gun robh uachdranachd aig Rìgh Shasainn air Rìgh na h-Alba. Co-dhiù, ʼs e sin a bha an luchd-aithris ag ràdh aig an àm. Leig Eanraig leis a’ ghnothach a dhol seachad gun chonnspaid oir bha e airson ʼs gum biodh daoine aig a’ bhanais dòigheil is toilichte.
ʼS e banais air leth a bh’ ann. Mar bhiadh, bha seachd mìle cearc aca, còrr is mìle gu leth cearc-thomain, sia fichead eala ʼs a còig, còrr is ceud corra-monaidh, sia fichead peucag, faisg air trì cheud easag, mìle is trì cheud maigheach, sia ceud is seasgad torc is muc, seachdad baraille de sgadain agus deich mìle adag! Banais mhòr dha-rìreabh!