FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raiders Bhatarsaigh (1)

?S e bana-ghaisgeach na Gàidhlig a th’ ann an Lisa Storey. Airson ùine mhòr, tha Lisa air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis no faisg air a’ bhaile.

Audio is playing in pop-over.

Raiders Bhatarsaigh (1)

ʼS e bana-ghaisgeach na Gàidhlig a th’ ann an Lisa Storey. Airson ùine mhòr, tha Lisa air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis no faisg air a’ bhaile. Bha dreuchd aice mar neach-teagaisg agus b’ i a’ chiad tidsear aig an robh clas de sgoilearan air a’ Ghàidhealtachd a fhuair an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Bha sin ann am Bun-sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis ann an naoi ceud deug, ochdad ʼs a còig (1985).

Ged a tha i air a bhith a’ fuireach air tìr-mòr thar nan deicheadan, tha mi cinnteach gum buin a cridhe fhathast don eilean anns an do thogadh i – Bhatarsaigh. Mura h-eil sibh eòlach air na h-Eileanan A-muigh, tha Bhatarsaigh ri taobh Bharraigh, agus ceangailte ris an-diugh le cabhsair. Anns an leabhar ùr aice ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’, tha Lisa ag innse dhuinn gun robh ‘Gàidhlig ga bruidhinn a h-uile latha agus anns a h-uile suidheachadh’ anns an eilean aice nuair a bha i òg.

Tha an leabhar ag innse mu na Raiders, eileanaich a fhuair fearann dhaibh fhèin ann am Bhatarsaigh le a bhith a’ strì airson an còraichean. Ann an naoi ceud deug ʼs a h-ochd (1908), cheannaich an riaghaltas an t-eilean bhon uachdaran, a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart. Chaidh caogad ʼs a h-ochd croitean a chruthachadh ann.

Airson an suidheachadh a thuigsinn, thèid sinn air ais gu ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). ʼS ann an uair sin a reic MacNèill Bharraigh – an ceann-cinnidh – an oighreachd aige. Cheannaich uachdaran-fearainn à Siorrachd Obar Dheathain i. B’ esan an Còirneal Gòrdan à Cluanaidh. An ceann greis, thòisich e air daoine fhuadachadh à Barraigh. Tha Lisa Storey ag innse dhuinn gun deach mu cheithir cheud gu leth duine à Barraigh gu ruige Canada ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1851).

Cha b’ e sin a-mhàin. Chaidh daoine a chur a-mach às na bailtean aca ann am Barraigh fhèin – gu bailtean eile – airson fearann math a shaoradh do thuathanaich. Bha Eilean Bhatarsaigh air fad na thuathanas. Cha robh air fhàgail aig muinntir an àite ach fearann truagh. Agus bha gu leòr de na daoine nan coitearan. Cha robh fearann aca idir.

Chaochail an Còirneal Gòrdan agus an ceann greis fhuair a nighean-chèile – a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart – sealbh air an oighreachd. Bha i am measg nan uachdaran a bu mhiosa air a’ Ghàidhealtachd riamh. Lean i oirre leis na fuadaichean. Ged a bha an oighreachd na làmhan fad iomadh bliadhna, cha do chuir i a cas oirre ach aon turas.

Tha Lisa Storey a’ mìneachadh mar a chuidich Achd nan Croitearan na croitearan ann am Barraigh, ach cha d’ fhuair na coitearan buannachd sam bith. Bha iadsan fhathast às aonais fearann.

Cha mhòr nach robh Comhairle Siorrachd Inbhir Nis cho dona ris na h-uachdarain, oir bha cumhachd mhòr aig uachdarain air a’ chomhairle an uair sin. Dhiùlt a’ chomhairle fearann a ghabhail airson choitearan fon an Allotments (Scotland) Act. Agus dhiùlt an Congested Districts Board iarrtasan airson fearann ann am Barraigh cuideachd. Anns an ath Litir bheir sinn sùil air mar ghabh cuid de choitearan fearann ann am Bhatarsaigh dhaibh fhèin, ge b’ oil leis an uachdaran!

Litir 1256 Litir 1256 Litir 1258 Litir 1258

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!