FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caisteal Chill Ràthaig (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Chill Ràthaig, agus mar a tha e a’ nochdadh air an t-seann mhapa aig Iain MacFhionnlaigh.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Chill Ràthaig (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Chill Ràthaig, agus mar a tha e a’ nochdadh air an t-seann mhapa aig Iain MacFhionnlaigh. Tha loidhne air a’ mhapa, a’ dol eadar Cùil Lodair agus Cill Ràthaig a tha ag ràdh ‘The Highlanders’ March in Order to Surprise the Duke in his Camp’. Tha dà loidhne an uair sin a’ dol air ais an rathad eile agus tha seo sgrìobhte orra: ‘The Highlanders’ March from Culraick to Culloden’.

Air a’ chòigeamh latha deug dhen Ghiblean, seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746), bha armailt an riaghaltais a’ campachadh gu siar air Inbhir Narann. Bha iad air tighinn bhon taobh an ear.

Bha cùisean a’ dol ann am fàbhar an riaghaltais. Bha barrachd shaighdearan aca na bh’ aig na Seumasaich, bha armachd na b’ fheàrr aca, agus bha longan-cogaidh aca air acair faisg air Àird nan Saor. Bha biadh gu leòr aca, rud nach robh fìor mu arm nan Seumasach.

Air an fheasgar sin, mu thrì uairean, dh’aontaich na ceannardan Seumasach gun gabhadh iad brath air a’ chothrom a b’ fheàrr a bh’ aca buaidh a thoirt air armailt an riaghaltais. Bha iad a’ dol a thoirt ionnsaigh orra air an oidhche, gun fhiosta do na nàimhdean gun robh iad a’ tighinn. B’ e an latha sin an co-latha-breith aig ceannard arm an riaghaltais, Diùc Chumberland. Bha na Seumasaich an dùil gum biodh na saighdearan a’ gabhail deoch mar chomharra air an latha sin.

Dh’fhalbh na Seumasaich aig ochd uairean a dh’oidhche. Bha iad an dùil an ceann-uidhe a ruigsinn aig dà uair sa mhadainn nuair a bhiodh a’ chuid a bu mhotha de shaighdearan an riaghaltais nan cadal.

Ach cha deach cùisean gu math dhaibh. Bha iad a’ cumail air falbh bho bhailtean fearainn agus bha iad ro shlaodach anns an dorchadas. Aig dà uair sa mhadainn, bha iad pìos beag seachad air Caisteal Chill Ràthaig. Bha astar ri dhol fhathast agus rinn iad co-dhùnadh gun a bhith a’ leantainn orra. Thill iad a Chùil Lodair.

Mar a thuigeas sibh, bha na saighdearan Seumasach claoidhte. Bha an t-acras orra. Cha robh iad ann an sunnd airson sabaid air an làrna-mhàireach. Agus chaidh an latha sin leis an riaghaltas. Ach tha a’ chuid as motha de luchd-eachdraidh dhen bheachd nach robh na Seumasaich air a bhith soirbheachail an oidhche roimhe, co-dhiù. Bha luchd-brathaidh aig an nàimhdean agus bha fios aca gun robh armailt Sheumasach a’ tighinn gan ionnsaigh.

Nuair a bha Caisteal Chill Ràthaig fhathast ann an làmhan nan Ròsach, bha bobhla-puinse ainmeil aca. Bha iad a’ cumail a-mach gun do ghabh Teàrlach Òg Stiùbhart deoch às. Cha robh Ùisdean Ròsach, an t-uachdaran, na Sheumasach ach bha e aoigheil don Phrionnsa. Thathar ag ràdh gun do sheinn e port-fìdhle Eadailteach dha.

Beagan làithean an dèidh sin, an dèidh Blàr Chùil Lodair, thathar a’ cumail a-mach gun do thadhail Diùc Chumberland air a’ chaisteal. A rèir beul-aithris, dh’fhàg e paidhir bhòtannan ann. Cò aige tha fios cà’l na bòtannan a-nise.

Ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, agus gu sònraichte ann an eachdraidh nan Seumasach, ʼs fhiach sùil a thoirt air Caisteal Chill Ràthaig on taobh a-muigh. Tha e le buidheann-charthannais Chrìosdail an-diugh, agus chan eil e fosgailte don mhòr-shluagh.

Litir 1252 Litir 1252 Litir 1254 Litir 1254

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!