FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caisteal Chill Ràthaig (1)

A bheil sibh eòlach air Caisteal Chill Ràthaig? Tha e eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Chill Ràthaig (1)

A bheil sibh eòlach air Caisteal Chill Ràthaig? Tha e eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Ach chan eil e furasta fhaicinn. Cha chreid mi gum faicear e bho rathad mòr sam bith. A dh’aindeoin ʼs nach eil e cho ainmeil an-diugh, tha eachdraidh mhòr aige, gu h-àraidh ann an co-cheangal ri ar-a-mach nan Seumasach anns an ochdamh linn deug.

Ann am Beurla, canaidh daoine ‘Kilravock Castle’ ris. Tha an t-ainm air fhuaimneachadh ‘kil-ROK’, ach tha e air a sgrìobhadh K-I-L-R-A-V-O-C-K. Anns an treas linn deug, bha e air a sgrìobhadh ‘Culravock’. Mar sin, ged a tha coltas air an ainm gur e ‘Cill Ràthaig’ a th’ ann – ‘the church at the small circular fort’ - ʼs dòcha gur e ‘Cùl’ a bu chòir a bhith ann an àite ‘Cill’. Math dh’fhaodte ‘the place behind the small circular fort’.

Tha e coltach gun robh ‘bh’ anns an dàrna eileamaid, air fhuaimneachadh mar ‘v’. Ach mun àm a ruigeas sinn an còigeamh linn deug, ʼs e ‘w’ a chithear an àite ‘v’ anns an ainm. Agus an uair sin, tha eadhon an ‘w’ a’ falbh. Tha mapa ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh Blàr Chùil Lodair. Air a’ mhapa sin, tha an caisteal air a chomharrachadh, le ainm air a sgrìobhadh C-U-L-R-A-I-C-K. ‘Cùl Ràthaig’ an àite ‘Cill Ràthaig’, math dh’fhaodte. Tuilleadh mun mhapa sin ann am mionaid no dhà.

Ach beagan mun chaisteal an toiseach. Tha e na thogalach drùidhteach. Tha tùr còig-ùrlarach ann. Tha e letheach slighe eadar dà chaisteal chudromach eile – Caisteal Dhealgan Ros (Dalcross Castle) agus Caisteal Chaladair (Cawdor Castle). Tha Caisteal Chill Ràthaig suidhichte air mullach droma gu tuath air Uisge Narann. Tha an oighreachd gu math torrach, le measgachadh de dh’achaidhean, pàircean agus coille oirre.

Tha an caisteal fhathast na sheasamh, le daoine a’ fuireach ann. Ach tha e a’ dol air ais gu ceithir cheud deug is seasgad (1460). Gu o chionn ghoirid, bha e ann an làmhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin – na Ròsaich no Roses.

Dh’fhàs Caisteal Chill Ràthaig rudeigin ainmeil ann an co-cheangal ri Blàr Chùil Lodair. Tha e air a shealltainn air mapa a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh a’ bhlàir, ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746) le fear Iain MacFhionnlaigh. Bha MacFhionnlaigh a’ toirt taic do na Seumasaich, ach chan eil adhbhar ann a bhith a’ smaoineachadh nach eil am fiosrachadh air a’ mhapa an ìre mhath ceart.

Carson a tha Caisteal Chill Ràthaig cho cudromach anns a’ ghnothach seo? Uill, mar a tha MacFhionnlaigh a’ sealltainn air a mhapa, an oidhche ron bhatail ainmeil, chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann. Sin far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh.

Bha na Seumasaich a’ dol a thoirt ionnsaigh orra. Ach stad iad mus do ràinig iad Inbhir Narann agus thill iad a Chùil Lodair. Tha gu leòr dhen bheachd gur e an ‘caismeachd-oidhche’ sin as coireach gun do chaill iad aig Cùil Lodair. Agus càite an do thionndaidh iad? Thionndaidh dìreach gu tuath air Caisteal Chill Ràthaig.

Litir 1251 Litir 1251 Litir 1253 Litir 1253

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!