Faisg air Cùil Lodair, taobh a-muigh Inbhir Nis, tha baile-fearainn air na mapaichean air a bheil ‘Blacktown’. Thathar ag ràdh gu bheil an t-ainm na eadar-theangachadh dhen Ghàidhlig ‘Am Baile Dubh’. Faisg air a’ Bhaile Dhubh bha tobar a bha uaireigin ainmeil. Bha e air na seann mhapaichean aig an t-Suirbhidh Òrdanais agus ʼs e an t-ainm a bh’ air ‘Fuaran Mac Bhreac’.
Tha cunntas anns a’ Cheltic Magazine ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a sia (1876) a’ mìneachadh an ainm. Bha fear ann uaireigin air an robh ‘Mac Bhriachd’ mar ainm. ʼS iad an t-Suirbhidh Òrdanais a chuir an t-ainm ‘Mac Bhreac’ air. Co-dhiù, gabhaidh sinn fhèin ‘Mac Bhreac’ air, a chionn ʼs gur e sin a th’ air na mapaichean.
Bha am fear seo a’ fuireach ann am Bàrr Èibhinn air oighreachd Chaladair, beagan mhìltean sear air Cùil Lodair. Bha an taigh aige faisg air tobar às an tigeadh uisge fìorghlan. Bha leac air muin an tobair.
Feumaidh gun deach Mac Bhreac agus an t-uachdaran – Iarla Chaladair – a-mach air a chèile. Chaidh Mac Bhreac a chur às an taigh aige. B’ fheudar dha àite-còmhnaidh ùr a lorg dha fhèin. Agus fhuair e sin faisg air Cùil Lodair far nach robh duine a’ fuireach aig an àm sin. Cha robh ann ach monadh dìomhain.
Bha làrach an taighe fada os cionn Uisge Narann agus cha robh allt no tobar ann. B’ fheudar do Mhac Bhreac falbh sìos don abhainn gach turas a bha uisge a dhìth air. Agus ʼs e obair throm a bh’ ann, a bhith a’ giùlan uisge suas am bruthach ann am peilichean gach turas.
Latha a bha seo, dh’fhalbh e sìos a dh’iarraidh uisge, ach bha tuil san abhainn. Bha an t-uisge salach. Bha Mac Bhreac air a shàrachadh leis a’ ghnothach agus dh’èigh e, ‘O! ’S e baile dubh dhòmhsa am baile seo!’ Cha robh e toilichte le bhith a’ fuireach ann. Co-dhiù, ʼs ann às a sin a fhuair am baile-fearainn aige an t-ainm ‘Am Baile Dubh’.
Lean Mac Bhreac air, ‘Ge-tà, bhithinn toilichte gu leòr a bhith a’ fuireach an seo nam biodh an tobar agam a bh’ agam roimhe fon lic ann am Bàrr Èibhinn.’ Uill, nuair a bha e a’ dìreadh a’ bhruthaich a dh’ionnsaigh an taigh aige, air dha sin a ràdh, mhothaich e gun robh fuaran ùr ann faisg air an taigh. Bha an t-uisge fìorghlan. Gu dearbh, bha blas air dìreach mar a bha blas an uisge anns an t-seann tobar aige ann am Bàrr Èibhinn.
Bha muinntir an àite a’ gabhail ‘Fuaran Mac Bhreac’ air an fhuaran. Feumaidh gun robh Mac Bhreac toilichte an uair sin le bhith a’ fuireach anns a’ Bhaile Dhubh. Agus nuair a chaidh e air ais a thadhal air an t-seann dachaigh aige ann am Bàrr Èibhinn, bha an seann tobar aige air a dhol tioram!
Gu o chionn ghoirid, cha robh mi uabhasach eòlach air Bàrr Èibhinn. Mar sin, chaidh mi a choimhead air. Cha d’ fhuair mi lorg air an àite far an robh Mac Bhreac a’ fuireach. Ach lorg mi dà rud a bha iongantach – seann eaglais agus clach ainmeil a tha mòr agus trom. Tha a’ chlach co-cheangailte ri gnothach gu math olc. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.