FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Raineach-mhòr

?Eil sibh ag aontachadh rium gu bheil raineach na plàigh air a’ Ghàidhealtachd?

Audio is playing in pop-over.

An Raineach-mhòr

ʼEil sibh ag aontachadh rium gu bheil raineach na plàigh air a’ Ghàidhealtachd? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘an raineach-mhòr’ no bracken fern. Carson a tha raineach na plàigh? Uill, tha i a’ còmhdachadh leòidean beinne agus seann talamh-àitich air feadh na Gàidhealtachd. Tha i a’ mùchadh lusan beaga agus fiùrain craoibhe tha a’ feuchainn ri fàs fòidhpe. Chan eil i math do sprèidh. Tha e doirbh aig amannan coiseachd tro raon far a bheil an raineach àrd agus tiugh.

Agus ʼs e raon de raineach àrainn mhath airson ghartan. Bidh cuid de ghartain a’ giùlan tinneas Lyme – tinneas a nì daoine gu math tinn. Nach biodh e math dòigh a lorg airson faighinn cuidhteas na rainich, co-dhiù ann an cuid de dh’àiteachan?

Uill, bha mi a’ leughadh seann leabhar an latha eile. Agus bha an t-ùghdar ag ainmeachadh trì dòighean airson raineach a mharbhadh. Anns a’ chiad dol a-mach, le bhith ga gearradh sìos gu talamh gu tric ann am pàircean ionaltraidh. B’ e an dàrna dòigh le bhith a’ cur todhar oirre ann am pailteas ann an imirean arbhair.

Ach b’ e an treas dòigh an tè a bu mhotha a ghlac m’ aire. A rèir a’ chunntais anns an leabhar, ʼs e an dòigh as fheàrr airson faighinn cuidhteas na rainich a bhith a’ dòrtadh mùn oirre. B’ fheàrr leam gum biodh an cunntas air innse dhuinn co-dhiù dhèanadh fir a’ bhaile a’ chùis le bhith a’ mùn oirre gu cunbhalach. No am biodh e na bu ghlice maistir a ghleidheadh mar a bhitheadh anns an t-seann aimsir, agus sin a dhòrtadh air an rainich?

B’ e am fear a sgrìobh an cunntas seo an t-Urramach Iain Lightfoot, eòlaiche-nàdair Sasannach a bha beò anns an ochdamh linn deug. Chuir e seachad ùine ann an Alba agus sgrìobh e an leabhar ainmeil Flora Scotica.

Gu h-inntinneach, bha Lightfoot dhen bheachd gun robh barrachd feum ann an raineach na bh’ ann de chron. Mar eisimpleir, bha cuid a’ cleachdadh ghasan rainich mar thughadh air na taighean aca. Agus bha i feumail air an talamh. Nam biodh raineach gheàrrte air a fàgail air an talamh airson lobhadh, bhiodh i a’ cur ri torachas na talmhainn. Bha raineach gu sònraichte math mar thodhar airson buntàta.

Bha i feumail anns a’ bhàthaich mar easradh – sin a’ Ghàidhlig air ‘litter’ airson crodh. Nuair a bha i tioram bha raineach math cuideachd mar chonnadh airson leithid fuine arain.

Tha Lightfoot ag innse dhuinn gun robh feadhainn a’ dèanamh nàdar de shiabann à raineach. Bhiodh iad ga gearradh nuair a bha i uaine agus ga losgadh airson luaithre a dhèanamh. Dhèanadh iad buill bheaga le bhith a’ measgachadh na luaithre le uisge. Bhiodh iad a’ tiormachadh nam ball agus gan cleachdadh airson anart a ghlanadh an àite siabann.

Bha eadhon margaidh ann airson na leithid, a rèir Lightfoot. Anns na h-Eileanan Siar, bhiodh gu leòr de dhaoine a’ dèanamh prothaid mhòr le bhith a’ reic luaithre rainich do dhaoine a dhèanadh siabann no glainne leatha. Is truagh e nach eil cothrom ann fhathast prothaid a dhèanamh às an rainich-mhòr!

Litir 1250 Litir 1250 Litir 1252 Litir 1252

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!