Bha mi ag innse dhuibh mu dheuchainn ann an Eilean nan Ròn faisg air Tunga ann an naoi ceud deug is caogad (1950). Bha feadhainn leotha fhèin san eilean airson deich seachdainean. Bha iad slàn, fallain. Thàinig feadhainn à tìr-mòr airson an cnatan a sgaoileadh nam measg ann an diofar dhòighean. Mar eisimpleir, bha cuid dhiubh a’ casadaich agus a’ sreathartaich a dh’aona-ghnothach. A rèir aithrisean anns na meadhanan, cha do ghabh duine de luchd na deuchainn an cnatan.
Cha b’ e sin buileach deireadh na cùise. Bha an ùine aca anns an eilean a’ teannadh dlùth. Chualas aithris mu chroitear air tìr-mòr a bha làn dhen chnatan. Chaidh a chur don eilean agus shuidh ceathrar de luchd na deuchainn cuide ris an tac an teine, a’ gabhail seanchas leis airson grunn uairean a thìde. Nuair a bha iad a’ fàgail an eilein, bha triùir de luchd na deuchainn a’ fulang leis a’ chnatan. Dè dh’ionnsaich iad bhuaithe sin, chan eil mi cinnteach!
Tha mi airson crìoch a chur air ar cuairt bheag a dh’Eilean nan Ròn le sgeul beag às an àite. Uaireigin o shean, bha nighean òg air an robh Ealasaid – no Beataidh – mar ainm a’ cluich faisg air bearraidhean anns an eilean. Bha i còmhla ri a bràthair, Dòmhnall. Chunnaic iad bàta a’ tighinn a dh’ionnsaigh an eilein. Cha robh am bàta ach beag.
Bha Beataidh agus Dòmhnall eòlach air a h-uile duine anns an eilean, agus air a h-uile bàta anns an eilean. Cha robh iad ag aithneachadh na tè seo. Bha triùir air bòrd. Bha aodach seòladair air dithis aca. Bha èideadh saighdeir air an fhear eile.
Nuair a ràinig iad an t-eilean, leum fear de na ‘seòladairean’ a-mach. Bha poca aige. Ruith e gu ceann thall an eilein. Ruith a’ chlann às a dhèidh. Ach bha esan ro luath dhaibh. Cha b’ fhada gus an robh e air a dhol à sealladh.
Nuair a ràinig a’ chlann e, bha e air an rathad air ais. Cha robh am poca aige tuilleadh. Bha craiceann donn agus falt dubh air an duine. Bha coltas toilichte air.
‘Càit a bheil am poca?’ dh’fhaighnich Beataidh.
‘Tha e far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir,’ fhreagair an coigreach.
‘Dè tha na bhroinn?’ dh’fhaighnich Dòmhnall.
‘Òr!’ thuirt am fear eile.
‘Dha-rìribh?!’ thuirt Dòmhnall.
‘Tha am poca làn òir,’ ars am fear eile, ‘agus gheibh sibh e far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir.’
Thionndaidh an duine air falbh. Thòisich e air ruith a-rithist. Goirid an dèidh sin, dh’fhalbh am bàta leis na fir air bòrd. Chaidh i à sealladh am measg stuaghan na fairge.
Bha a’ chlann cho eòlach air an eilean aca ʼs a tha brìdean air an tràigh. Ach cha d’ fhuair iad lorg air poca an t-seòladair no air an òr aige. Ged a tha daoine air a bhith a’ meòrachadh air a’ ghnothach airson còrr math is ceud bliadhna, chan eil fios aig duine dè bha am fear a’ ciallachadh le ‘far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir.’ Agus tha ceistean ann. An e taibhs a bh’ ann? Agus a bheil an t-òr fhathast ann am badeigin air Eilean nan Ròn?!