FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eilean nan Ròn (1)

Bho àm gu àm bidh mi a’ ruith chùrsaichean anns am bi sinn a’ toirt sùil air mapaichean na Gàidhealtachd.

Audio is playing in pop-over.

Eilean nan Ròn (1)

Bho àm gu àm bidh mi a’ ruith chùrsaichean anns am bi sinn a’ toirt sùil air mapaichean na Gàidhealtachd. Bidh na h-oileanaich a’ faighinn tuigse air briathrachas na Gàidhlig agus air structar ainmean-àite. Faisg air deireadh a’ chùrsa, airson dearbhadh mar a tha an t-eòlas ac’ air fàs, bidh mi ag iarraidh air na h-oileanaich eilean mac-meanmnach a chruthachadh. Bidh iad a’ cur ainmean-àite Gàidhlig air.

Bidh mi cuideachd ag iarraidh orra ainm a chruthachadh airson an eilein fhèin. Tha e iongantach cho tric ʼs a bhios iad a’ gabhail ‘Eilean nan Ròn’ air. ʼS dòcha nach bu chòir dha sin a bhith na iongnadh. Tha ròin gu math cumanta timcheall eileanan, co-dhiù eileanan mara.

ʼS dòcha gu bheil e a cheart cho iongantach cho gann ʼs a tha a leithid de dh’ainm ann an dha-rìribh. Tha Loch nan Ròn ann, Àird nan Ròn, Rubha nan Ròn, Sgeir nan Ròn is mar sin air adhart. Ach ʼs aithne dhomh dìreach dà eilean air a bheil ‘Eilean nan Ròn’ mar ainm. Tha fear dhiubh beag bìodach. Tha e faisg air Eilean Orasa, làimh ri Colbhasa, ann an Earra-Ghàidheal.

Tha am fear eile ann am fìor cheann a tuath na h-Alba, ann an Dùthaich MhicAoidh. Tha e aig beul Caolas Thunga. Bha sluagh uaireigin a’ fuireach ann. Anns na tritheadan dhen linn a dh’fhalbh, bha sia croitean ann, agus sgoil. Air a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais, tha sia togalaichean deug le mullaichean orra.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a h-aon (1881), bha seachdad ʼs a trì daoine a’ fuireach ann. Ach, mar a thachair ann am mòran eileanan iomallach eile, dh’fhalbh na daoine anns na tritheadan. Dh’fhàg iad Eilean nan Ròn ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1938). A rèir aon aithris, bha naoinear air an liosta de dhaoine a dh’fhalbh an uair sin. Bhuineadh iad uile do Chloinn ʼic Aoidh.

Tha fear de na h-eileanaich, Dòmhnall MacAoidh, a’ bruidhinn mun eilean air Tobar an Dualchais. Nuair a bha e òg, tràth san fhicheadamh linn, bha ochdad duine a’ fuireach ann. Bha iasgach an sgadain gu math mòr. Bhiodh na fir òga a’ dol fad air falbh airson an sgadain. Anns a’ gheamhradh bhiodh iad ri iasgach a’ ghiomaich anns an sgìre aca fhèin.

Bha Dòmhnall dhen bheachd gun robh sluagh a’ fuireach anns an eilean ro na fuadaichean. Bha na mnathan aca à diofar àiteachan air a’ chosta mu thuath. Bha feadhainn dhiubh à Arcaibh. Dh’ionnsaich iadsan Gàidhlig oir ʼs e Gàidhlig a bh’ aig na h-eileanaich mar chanan coimhearsnachd. Ge-tà, bha foghlam na sgoile, no a’ chuid a bu mhotha dheth, ann am Beurla. Ged a bha Dòmhnall fhèin comasach air Gàidhlig a leughadh, cha do dh’ionnsaich e sin anns an sgoil.

Tha meadhan an eilein, far an robh am baile, rudeigin torrach. Bhathar a’ fàs eòrna is coirce is peasair ann. Bha, agus buntàta is càl. Bha Dòmhnall MacAoidh dhen bheachd, ged a rachadh tu air feadh an t-saoghail, nach fhaigheadh tu càl na b’ fheàrr na bh’ aca ann an Eilean nan Ròn.

Bha cuimhne aig Dòmhnall air sealg nan ròn nuair a bha e òg. Ach cha b’ ann airson feòil a bha na h-eileanaich gan sealg. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Litir 1246 Litir 1246 Litir 1248 Litir 1248

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!