Bha mi a’ bruidhinn mu Eilean nan Ròn ann am fìor cheann a tuath na h-Alba ann an Dùthaich MhicAoidh. Tha e aig beul Caolas Thunga. Nuair a bha sluagh a’ fuireach ann, bhiodh iad a’ sealg nan ròn. Chan e an fheòil no na bèin a bha iad ag iarraidh, ach an ola. Bha an ola feumail dhaibh oir bha iad ga cleachdadh ann an leigheas. Bha iad ga toirt do na laoigh aca. Bha iad cuideachd ga cleachdadh iad fhèin, mar chungaidh-leigheis airson a’ bhroillich.
Ann an clàr air Tobar an Dualchais, tha Dòmhnall MacAoidh ag innse dhuinn gun robh iad a’ sealg nan ròn-glasa aig deireadh an fhoghair. ʼS iad na cuileanan a bha iad a’ marbhadh – le maide. Bhiodh iad a’ toirt na saille dhiubh agus ga leaghadh ann am panaichean a-muigh air latha tioram.
Chan iad na ròin a-mhàin a bhiodh iad a’ sealg. Chuir e iongnadh orm nuair a chuala mi aig Dòmhnall gun robh cearcan-fraoich pailt air an eilean. Bhiodh iad a’ dol a-null à tìr-mòr. Bhiodh na h-eileanaich gan sealg.
Tha Dòmhnall ag ainmeachadh eun eile a bhiodh iad a’ sealg ann am meadhan a’ gheamhraidh nuair a bha sneachd air na creagan. ʼS e coileach-càirn, no mar a chanas iad ann an Dùthaich MhicAoidh, caileach-càirn a bh’ air an eun mar ainm. Bha e beag is donn ach chan eil mi cinnteach dè an seòrsa eòin a bh’ ann. Cha robh fios eadhon aig na h-eòlaichean à Sgoil Eòlais na h-Alba dè an seòrsa a bh’ ann. Ma tha smuain agaibh fhèin, nach cuir sibh fios thugam?!
Bha glè bheag de mhamailean fiadhaich air an eilean. Cha robh maighich ann, no sionnaich, no radain no luchan. Cha robh no nathraichean. Bhiodh na h-eileanaich a’ falbh a-null gu eilean eile – Eilean nan Coinean – airson coineanaich a shealg. Cha robh gin dhiubh air Eilean nan Ròn.
Nise, bha mi ag innse dhuibh mu Eilean Stròma o chionn ghoirid. Tha e faisg air Taigh ʼan Ghròt ann an Gallaibh. Uill, bha ceangal ann eadar Eilean nan Ròn agus Stròma. Bhiodh na h-iasgairean à Eilean nan Ròn a’ cleachdadh bhàtaichean a bh’ air an togail ann an Stròma. Bha fichead ʼs a ceithir troighean a dh’fhaid annta. Bha dìreach seòl-mòr orra.
An dèidh a’ Chiad Chogaidh, chaidh cùisean bhuaithe ann an Eilean nan Ròn. Bha iasgach an sgadain a’ dol air ais, a rèir Dhòmhnaill MhicAoidh. Dh’fhalbh feadhainn gu Astràilia. Tràth anns na ficheadan, fhuair trì teaghlaichean fearann faisg air làimh air tìr-mòr. Bha sin ann am Borghaidh far an deach croitean ùra a chruthachadh air seann tuathanas. Bha iad sin do dhaoine a bh’ air a bhith a’ sabaid anns a’ chogadh.
Dh’fhalbh na daoine mu dheireadh ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1938). Ach cha robh Eilean nan Ròn buileach gun daoine bhon uair sin. Dusan bliadhna an dèidh do mhuinntir an àite falbh, chaidh buidheann a dh’fhuireach ann airson greis. ʼS e oileanaich a bh’ anns a’ chuid mhòir dhiubh, agus bha iad a’ gabhail pàirt ann an deuchainn mheidigeach co-cheangailte ris a’ chnatan.
Bha iad airson àite a lorg far am biodh iad leotha fhèin, gun luchd-tadhail a’ tighinn ann, ach far an robh taighean anns am biodh iad a’ fuireach. Thagh iad Eilean nan Ròn. Innsidh mi dhuibh mun deuchainn anns an ath Litir.