FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Neach-iùil Stròmach

Ann an Litir seachd ceud ?s a dhà (702), rinn mi iomradh air Eilean Stròma, far costa Ghallaibh. Chan eil duine a’ fuireach ann an-diugh. Nuair a bha sluagh ann, bha na daoine fìor chomasach mar mharaichean.

Audio is playing in pop-over.

An Neach-iùil Stròmach

Ann an Litir seachd ceud ʼs a dhà (702), rinn mi iomradh air Eilean Stròma, far costa Ghallaibh. Chan eil duine a’ fuireach ann an-diugh. Nuair a bha sluagh ann, bha na daoine fìor chomasach mar mharaichean. Bha cuid de na Stròmaich ainmeil mar luchd-iùil a bheireadh daoine tro na caoil timcheall an eilein. Bidh na sruthan mara timcheall Stròma a’ ruigsinn astar de dh’aon mhìle-mhara dheug san uair. Tha sgeirean gu leòr ann. ʼS e àite cunnartach a th’ ann.

Agus dh’fhaodadh e a bhith sàrachail do mharaichean. Ri linn nam bàtaichean seòlaidh, nuair nach robh a’ ghaoth ann, bhiodh soithichean glacte eadar Stròma agus tìr-mòr, a’ dol air ais agus air adhart leis an tìde-mhara, gun chomas briseadh a-mach às an t-sruth.

Ged a tha na h-Eileanan an Iar pìos air falbh bho Stròma, bha ceanglaichean mara ann eadar an dà àite. Tha mi airson innse dhuibh mu thachartas annasach as t-fhoghar ochd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1891).

Bha an Cupid, soitheach às an Danmhairg le còignear air bòrd, a’ dèanamh air Steòrnabhagh. Nuair a ràinig iad uisgeachan Stròma chuir iad bratach an-àirde a bha a’ sealltainn gun robh iad a’ sireadh neach-iùil. Chaidh bàta a-mach bho Stròma. Dh’aontaich fear de na Stròmaich, David Banks, a bhith air fhastadh mar neach-iùil. Bhiodh e a’ dol air a’ Chupid gu ruige Steòrnabhagh.

Chaidh cùisean gu math gus an do ràinig iad am Parbh, no mar a chanas muinntir Leòdhais, an Carbh. Sin a’ Ghàidhlig air Cape Wrath. Dh’èirich stoirm agus bha an Cupid air a h-iomain a dh’ionnsaigh Shealtainn. Rinn an criutha oidhirp dhol an aghaidh a’ ghaillinn ach dh’fhàilnich orra.

Bha na siùil air an reubadh às a chèile. Chaidh sgrios a dhèanamh air an t-soitheach. Chaill iad ball dhen chriutha thairis air a’ chliathaich, agus cha mhòr nach do chaill iad dithis eile. Bha iad ann an cunnart a dhol fodha.

Bha iad ann an èiginn airson grunn sheachdainean. Chaidh iad seachad air na h-Eileanan Sealtainneach agus ràinig iad na h-Eileanan Fàrach. Bha an criutha a-nise claoidhte. Bha iad dhen bheachd nach robh dol-às aca. Bhiodh an Cupid air a briseadh às a chèile air a’ chladach fo na bearraidhean. Bhiodh iad uile air am bàthadh.

Ach chunnaic David Banks loch-mara beag le acarsaid ann. Chuir iad am pìos beag de sheòl a bh’ aca fhathast air a’ chrann, agus stiùir Banks an Cupid a-steach gu àite sàbhailte.

Thug na Fàraich taic agus aodach ùr dhaibh. Choisich Banks gu ruige am prìomh bhaile, Tórshavn, thairis air na beanntan. Fhuair e dhachaigh air soitheach-smùide a bha a’ dèanamh air Lìte. Chuir e iongnadh air muinntir Stròma nuair a ràinig e an t-eilean. Bha daoine dhen bheachd gun deach a chall aig muir.

Chaidh mìosan seachad. Bha an Cupid air a càradh. Mu dheireadh thall, ràinig i Steòrnabhagh. Bha an criutha dhen bheachd gun robh David Banks air am beatha a shàbhaladh, leis cho sgileil ʼs a bha e.

Tha eàrr-sgrìobhadh duilich agam don sgeul, ge-tà. Faisg air deireadh a’ Chogaidh Mhòir, bha David Banks agus dithis eile a’ tilleadh gu Stròma bho Inbhir Ùige. Bha iad air am bàthadh nuair a chaidh am bàta aca fodha.

Litir 1245 Litir 1245 Litir 1247 Litir 1247

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!