FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Urr. Uilleam Seathach (2)

Bha sinn a’ toirt sùil air an Urramach Uilleam Seathach a chuir faclair Gàidhlig ri chèile ann an seachd ceud deug is ochdad (1780). Tha am faclair a’ gabhail a-steach fhaclan Albannach agus Èireannach, measgaichte còmhla.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Uilleam Seathach (2)

Bha sinn a’ toirt sùil air an Urramach Uilleam Seathach a chuir faclair Gàidhlig ri chèile ann an seachd ceud deug is ochdad (1780). Tha am faclair a’ gabhail a-steach fhaclan Albannach agus Èireannach, measgaichte còmhla.

Fhuair e taic agus brosnachadh bhon Oll. Somhairle MacIain a bh’ air turas a ghabhail air a’ Ghàidhealtachd beagan bhliadhnaichean roimhe. Mar a tha e a’ mìneachadh anns an ro-ràdh aige, dh’fhalbh Mgr. Seathach don Ghàidhealtachd as t-earrach seachd ceud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1778).

Cha do dh’iarr e airgead poblach airson a’ phròiseict. Bha e airson ʼs gum biodh aontachairean cliùiteach aige a bhiodh deònach an leabhar a cheannach bhuaithe nuair a bha e deiseil. Agus bha an liosta aige dhiubh gu math drùidhteach. Nam measg bha Àrd-easbaig Chanterbury, Diùc Earra-Ghàidheal, Diùc Ghòrdain – a cheannaich còig lethbhreacan – agus mar sin air adhart.

Bha an Seathach dhen bheachd gun robh an cànan aige a’ sìor bhàsachadh. Bha e airson beagan dhith a shàbhaladh mus rachadh i à bith.

Cha robh e furasta dha air a’ Ghàidhealtachd. Chaidh e gu mòran sgìrean, a’ gabhail a-steach diofar eileanan. Cha robh mòran leabhraichean no làmh-sgrìobhainnean ann. Mar sin, ʼs ann bhon ghuth fhèin a fhuair e cuid mhath de na faclan aige. Ach, ann am Muile, fhuair e liosta de dhà cheud facal bho fhear de na ministearan, Mgr. MacArtair.

Fhuair e taic mhòr bho na h-uaislean ach fhuair e briseadh-dùil am measg a’ phobaill. Cha robh iad deònach fiosrachadh a thoirt dha às aonais duais. Bha iad dhen bheachd gun robh e a’ faighinn deagh thuarastal bhon sporan phoblach airson a cuid saothrach – oir, mura robh, carson a bhiodh e an sàs ann an obair mar sin?

Ach fhuair e taic mhòr bhon Ridire Seumas Foulis, an còigeamh frith-bharan de Cholinton, faisg air Dùn Èideann. Bha Foulis air Gàidhlig ionnsachadh agus bha e air tòrr rannsachaidh a dhèanamh air a’ chànan. Dh’fhosgail e a chruinneachadh don Urr. Seathach.

Chaidh Seathach an uair sin gu ruige Èirinn, far an d’ fhuair e grèim air tòrr làmh-sgrìobhainnean. Am measg sin, bha an fheadhainn ann an Leabharlann Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath. Thill am ministear a Lunnainn anns a’ Ghearran seachd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1779). Bha e a’ tomhas gun do shiubhail e trì mìle mìle agus gun do chruinnich e faisg air trì mìle facal.

Tha am faclair aige ann an dà phàirt. Anns a’ chiad phàirt, tha na faclan Gàidhlig air an làimh chlì mar cheann-fhaclan, leis a’ Bheurla air an làimh dheis. Anns an dàrna leabhar, tha a’ Bheurla air an làimh chlì mar cheann-fhaclan. Chleachd Seathach an siostam litreachaidh a bha stèidhichte aig an àm.

Anns an Fhaoilleach seachd ceud deug, ochdad ʼs a sia (1786) thug Uilleam Seathach feadhainn gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann. Bha iad air diùltadh an t-airgead a gheall iad a thoirt dha. Bha iad a’ cumail a-mach nach do choilean am ministear na gheall e fhèin. Saoilidh mi gun robh cuid dhen bheachd gun robh cus fhaclan Èireannach ann. Ach chaidh a’ chùis le Mgr Seathach oir cha robh e air a bhith ri foill no cealg. Faodaidh sibh ur beachd fhèin a ghabhail air an obair aige, oir gabhaidh am faclair a leughadh air an eadar-lìon.

Litir 1244 Litir 1244 Litir 1246 Litir 1246

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!