Bha Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain, am measg nam bàrd as ainmeile ann an saoghal nan Gàidheal anns an fhicheadamh linn. Ma tha sibh comasach air Gàidhlig a leughadh, tha an leabhar Doras gun Chlàimhean, deasaichte le Catrìona Mhoireach, fìor mhath.
Bidh sinn a’ fàgail soraidh aig Murchadh an-diugh. Ach, roimhe sin, bheir sinn sùil air dà òran ainmeil aige. An toiseach – an t-òran a bh’ againn an t-seachdain sa chaidh – Mhòrag, Leat Shiùbhlainn. ʼS e òran gaoil a th’ ann. Chan eil fhios a’m an robh ‘Mòrag’ stèidhichte air boireannach sam bith, ach bha i fìor mhath air seinn, a rèir choltais. Seo agaibh an treas rann:
An uair a ghleusas i suas a h-òran,
An uiseag, thèid i na tàmh ʼs an smeòrach,
ʼS iad ri ʼg èisteachd ceòl nèamhaidh, ro-bhinn,
Ceòl binn gun èislean bho beul a’ dòrtadh.
Anns an rann sin, tha am bàrd a’ dèanamh coimeas eadar an t-seinn aig Mòrag agus dà eun a tha ainmeil airson an seinn – an uiseag agus an smeòrach. Anns an dàrna rann mu dheireadh, tha Murchadh a’ cur nar cuimhne gun robh e beò nuair a bhiodh feadhainn às na h-eileanan a’ sealg nam mucan-mara a-mach à South Georgia:
Dh’fhalbhainn deònach gu ruige Georgia,
ʼS shàthainn sleagh anns na mucan mòra,
ʼS dh’fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn,
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.
Tha an loidhne mu dheireadh snog, nach eil? Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan. I would appeal for no reward, my love, but your kisses.
Mu dheireadh, tha mi airson sùil bheag a thoirt air an òran as ainmeile, chanainn, aig Murchadh MacPhàrlain. ʼS e sin “Cànan nan Gàidheal”. Bha Murchadh a’ dìon cliù na Gàidhlig gu mòr na bhàrdachd agus na bheatha. Tha an t-òran a’ tòiseachadh mar seo:
Cha b’ e sneachda ʼs an reothadh o thuath,
Cha b’ e ʼn crannadh geur, fuar on ear,
Cha b’ e ʼn t-uisge ʼs an gailleann on iar,
Ach an galar a bhlian on deas
Blàth, duilleach is stoc agus freumh,
Cànan mo thrèibh is mo shluaigh.
Bha am bàrd a’ dèanamh soilleir nach e droch aimsir na Gàidhealtachd a bu choireach ri crìonadh na Gàidhlig, ach ‘an galar on deas’. Bha e a’ ciallachadh le sin cànan is cultar nan Gall.
Tha an treas rann dhen òran a’ riochdachadh brìgh an òrain air fad. Seo e:
Ged theich i le ʼbeath’ às na glinn,
Ged ʼs gann i ʼn-diugh chluinnear nas mò
O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdair nam bò,
Ach thugainn, thig còmh’ rium gu siar
ʼS i fhathast ann ciad chainnt an t-sluaigh.
Bha Murchadh a’ tuigsinn mar a bha an cànan air a dhol sàmhach ann an glinn na Gàidhealtachd, ach gun robh i fhathast aig sluagh nan Eilean Siar mar chiad chànan. Seo an t-sèist. Math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air:
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn’,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.
ʼS dòcha nach eil na faclan sin buileach cho fìrinneach an-diugh ʼs a bha iad ri linn Mhurchaidh. Ach ʼs e òran cumhachdach a th’ ann. Tha e a’ cur nar cuimhne gum bu chòir dhuinn còraichean ar cànain a sheasamh.