FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bàrd Mhealaboist (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain, agus an dàn aige ?S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh. Dè an rud a bu mhotha a bha am bàrd ag ionndrainn, agus e air prèiridh Mhanitòba?

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Mhealaboist (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain, agus an dàn aige “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. Dè an rud a bu mhotha a bha am bàrd ag ionndrainn, agus e air prèiridh Mhanitòba? Chanainn gur e an taigh-cèilidh a bh’ ann. Anns an treas rann, tha e a’ sgrìobhadh gum b’ fheàrr leis a bhith ann am ‘bothan-tughaidh [le] teine-mònach air an ùrlar’.

Anns a’ cheathramh rann, tha e a’ dèanamh tuairisgeul de na caractaran anns an taigh-chèilidh:

Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil
Nam biodh bunag chrèadh ʼs ceò ac’,
Gillean ʼs iad a’ snìomh nan snòta
ʼS luchd mo rùin-sa cruinn a’ cèilidh.

Anns an ath rann, tha am bàrd a’ cruthachadh dealbh de sheann saighdear a’ bruidhinn mu na cathan anns an robh e an sàs. Dè bha e a’ togail, a’ toirt a’ chreidsinn gur e raidhfil a bh’ ann? Bha clobha – rud leis am bite a’ làimhseachadh fàdan anns an teine. Seo an rann:

Bhiodh seann shaighdear nan ceud cruaidh-chath
Leis a’ chlobha air a ghualainn,
Dealbh dhuinn mar a thug a’ bhuaidh air
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.

Is mathaid gun robh Murchadh a’ dèanamh beagan fealla-dhà an seo. ʼS e ‘saighdearan a’ chlobha’ a chanadh feadhainn ris na fir a bha a’ fuireach aig an taigh, seach a bhith a’ falbh gu cogadh. Math dh’fhaodte nach robh an seann saighdear air a bhith an sàs ann an ceud cruaidh-chath, mar a tha e a’ cumail a-mach!

Agus, a rèir choltais, bhiodh na sgeulachdan is naidheachdan aig na seann seòladairean cho math ris an fheadhainn aig na seann saighdearan. Seo agaibh an còigeamh rann:

Bhiodh seann sheòladair ʼs air stòl e’
ʼG innse na seachd-cuain gun d’ sheòl e,
ʼS nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheidheadh ga èisteachd.

Agus a-nise an rann mu dheireadh. Seo far an nochd an abairt shuaicheanta ainmeil ‘chan eil cèilidh air a’ phrèiridh’.

Ach càite, càite nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a’ phrèiridh,
ʼS ò, chan fhaic mi ʼn àm dhomh èirigh
ʼN-àirde ʼg èirigh ceò na mònach.

Bha iomadach cuspair, a bharrachd air cianalas, aig Bàrd Mhealaboist na bhàrdachd. Bha e ag obair le còmhlan-ciùil a dh’fhàs fìor ainmeil ann an saoghal nan Gàidheal – Na h-Òganaich. Am measg òrain Mhurchaidh a sheinn an còmhlan air an àrd-ùrlar, bha òran-gaoil aotrom air a bheil “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn”. Seo agaibh a’ chiad rann agus an t-sèist:

Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain
No snuadh na bùtha ʼchur air a gruaidhean,
No dath a cheannach gu dath a cuailein,
ʼS e mar an canach aig sàil nam fuar-bheann.

ʼMhòrag, leat shiùbhlainn gun chùram gu cùl na gealaich,
ʼS mìlse leam do phògan gu mòr na na cìrean-meala.
D’ fhaighinn dhomh mar òg-bhean
Mo dhòchas tha na do ghealladh.

Tha adhbhar ann airson a bhith ag ainmeachadh cùl na gealaich ‘the far side of the moon’. Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh ann an naoi ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1969). B’ e sin a’ bhliadhna a chuir daoine an casan air a’ ghealaich airson a’ chiad turais. Dà bhliadhna an dèidh sin, bhuannaich na h-Òganaich farpais nan còmhlan aig a’ Mhòd Nàiseanta. Bha dà òran le Murchadh MacPhàrlain aca, agus b’ e “Mhòrag, Leat Shiùbhlainn” fear dhiubh.

Litir 1241 Litir 1241 Litir 1243 Litir 1243

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!