FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bàrd Mhealaboist (1)

Tha mi cinnteach gum bi feadhainn agaibh eòlach gu leòr air na briathran sin. ?S e òran ainmeil a th’ ann air a bheil ?S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh mar thiotal.

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Mhealaboist (1)

ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh,
ʼS fhada, ʼs fhada, ʼs fhada leam i,
Is chan fhaic ach prèiridh lom mi,
Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

Tha mi cinnteach gum bi feadhainn agaibh eòlach gu leòr air na briathran sin. ʼS e òran ainmeil a th’ ann air a bheil “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh” mar thiotal. Chaidh a sgrìobhadh le Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain nach maireann. Tha mi airson beagan innse dhuibh mun òran agus mu Mhurchadh fhèin.

Thàinig leabhar mòr, brèagha a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh. ʼS e an t-ainm a th’ air Doras gun Chlàimhean. Tha clàimhean a’ ciallachadh ‘door bolt no latch’. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Catriona Mhoireach. Abair an obair ionmholta a rinn i.

Bhuineadh Murchadh do Mhealabost, baile beag pìos a-mach à Steòrnabhagh ann an sgìre an Rubha. Rugadh e ann sa bhliadhna naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). B’ e am fear a b’ òige ann an teaghlach de shianar.

Mar a bha cumanta ann an Leòdhas anns na ficheadan, rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada. Sheòl e à Grianaig ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924). Ach cha b’ e eilthireachd mhaireannach a bh’ ann. Ged a bha dithis pheathraichean aige ann an Ameireagaidh a Tuath, thill e dhachaigh a Leòdhas. Mar a tha Catrìona Mhoireach a’ sgrìobhadh anns a’ chunntas mu a bheatha, ‘b’ e an cianalas a bu mhotha a bha ga lèireadh.’ Tha am bàrd fhèin a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an òran aige “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. Thill Murchadh dhachaigh a Mhealabost ochd bliadhna an dèidh dha fhàgail.

Air ais don òran, ma-thà. A bheil sibh eòlach air an abairt a nochdas aig deireadh na sèist? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. Tha am facal cian a’ ciallachadh ‘fad air falbh’, ann an tìm agus/no ann an astar. Tha blas de bhròn air, mar a chì sinn anns an fhacal cianail a tha a’ ciallachadh ‘brònach’ no ‘muladach’. Tha cianalas a’ ciallachadh ‘homesickness’ ach tha e nas làidire na ʼm facal Beurla. Gu cinnteach, bha an cianalas air Murchadh nuair a sgrìobh e an t-òran.

Tha an abairt o chian nan cian a’ ciallachadh ‘since time immemorial’. Anns an òran, tha an loidhne mu dheireadh dhen t-sèist a’ dol mar seo: ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. Tuigidh sibh gun robh am bàrd air a bhith ro fhada – fada ro fhada – air falbh o eilean a bhreith, on taigh-chèilidh agus on àite dham buineadh e.

Anns a’ chiad rann, tha am bàrd a’ sgrìobhadh: Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi. Tha sin a’ ciallachadh nach fhaic e, far a bheil e, ach am prèiridh. Tha prèiridh Mhanitòba nas fhaide bhon mhuir ʼs a ghabhas a bhith ann an Alba. Tha am bàrd ag ionndrainn na mara. Far a bheil e, cha chluinn e sluaisreadh nan tonn air tràigh. Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Anns an ath Litir, bheir sinn sùil a bharrachd air an òran seo, “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”, agus air beatha Bàrd Mhealaboist.

Litir 1240 Litir 1240 Litir 1242 Litir 1242

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!