Bha sinn a’ toirt sùil air ainmean uisge-bheatha agus thaighean-staile on leabhar ‘The A to Z of Whisky Place-Names’ le Jacob King. Tha gu leòr dhiubh air a bheil ainm a tha rudeigin – no uile-gu-lèir – fuadain. Ach tha feadhainn ann le ainm stèidhichte air ainm-àite a th’ air na mapaichean. Tha mi airson sùil a thoirt air feadhainn dhiubh sin an-diugh.
Tòisicheamaid ann an Ìle. An coimeas ri sgìrean eile, tha na h-ainmean ann an Ìle an ìre mhath uile stèidhichte air fìor ainmean-àite. Mar eisimpleir, tha Ardbeg air a dhèanamh faisg air An Àird Bheag ‘the small promontory’. Tha Bowmore às a’ bhaile as motha anns an eilean – air a bheil Am Bogha Mòr mar ainm. Tha e a’ ciallachadh an dàrna cuid ‘the big reef’ no ‘the big bend’.
Tha Bruichladdich bhon Ghàidhlig Bruthach a’ Chladaich ‘the brae of the shore’ agus tha Bunnahabhain o Bun na h-Abhainne ‘the mouth of the river’. Air cladach an earra-dheas an eilein, tha Lagavulin. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho Lag a’ Mhuilinn ‘the hollow of the mill’. Air taobh eile an eilein, tha taigh-staile ‘Caol Ila’. Tha sin stèidhichte air cladach a’ chaolais eadar Ìle agus Diùra, ris an canar Caol Ìle no An Caol Ìleach ann an Gàidhlig. Agus, air taobh thall a’ chaolais, tha Jura Distillery. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho ainm an eilein fhèin – Diùra ann an Gàidhlig – ged a thàinig sin on Lochlannais o shean. Tha e a’ ciallachadh ‘Eilean nam Fiadh’.
Gu tuath air Ìle agus Diùra, tha eilean eile ann an Earra-Ghàidheal air a bheil taigh-staile. ʼS e sin Muile. An sin, thathar a’ dèanamh uisge-beatha ris an canar Tobermory. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon bhaile far a bheil an taigh-staile – Tobar Mhoire, ‘the well of the Virgin Mary’.
Air ais air tìr-mòr tha Tomatin, deas air Inbhir Nis. Tha sin bhon Ghàidhlig Tom Aitinn ‘juniper hillock’. Chaidh an t-ainm-àite sin a chlàradh air mapa aig deireadh an t-siathamh linn deug. Tha Glenlivet ann am Moireibh a’ tighinn bhon Ghàidhlig Gleann Lìobhaid. Tha Jacob King ag innse dhuinn gu bheil e coltach gun tàinig Lìobhaid bho fhreumh Cruithneach a’ ciallachadh ‘boillsgeach’ no ‘gleansach’. Agus faisg air Uisge Spè tha Tormore. Tha sin bhon Ghàidhlig An Tòrr Mòr ‘the big hill’. ʼS e Allt an Torra Mhòir ainm an uillt a tha a’ sruthadh seachad air an taigh-staile.
Tha uisge-beatha Moireach eile ann air a bheil ainm car annasach dhuinne mar Ghàidheil. Tha e sgrìobhte mar aon fhacal – a-n-c-n-o-c. Bhithinn a’ fuaimneachadh sin mar ‘an cnoc’, ach tha làrach-lìn an uisge-bheatha ag innse dhuinn gu bheilear ga fhuaimneachadh ‘a-nock’. Seadh. Uill, tha e air a dhèanamh aig Knockdhu Distillery. Shaoileadh sibh gun robh sin a’ tighinn bhon Ghàidhlig An Cnoc Dubh. Ach tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil a leithid de dh’ainm clàraichte, agus gur e An Cnoc no, ann an Albais, The Knock a bha a-riamh air an àite.
Mu dheireadh, ann an taobh sear Rois, tha uisge-beatha ainmeil air a bheil Glenmorangie. A bheil sin dha-rìribh a’ ciallachadh ‘The Glen of Tranquility’, mar gun tàinig e à Gleann Mòr na Sìth? Tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil. Chaidh ‘Glen’ a chur ri Morangie, ainm-àite ionadail a tha a’ ciallachadh ‘big haugh place’. Tha an leabhar làn neamhnaidean mar sin.