Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile eòlach air an làraich-lìn ris an canar ‘Tobar an Dualchais’. Tha i làn stuth iongantach – sgeulachdan is òrain is cuimhneachain – ann an Gàidhlig, Albais no sa Bheurla Shasannaich. Bho àm gu àm, bidh mi a’ tarraing rudeigin às an ‘Tobar’ dhuibh – mar bhrosnachadh dhuibh a dhol air an làraich agus èisteachd ri Gàidhlig bhrèagha, agus diofar dhualchainntean dhith.
An-diugh, tha mi airson sgeul goirid innse dhuibh, a chaidh a chlàradh ann am Muile. Innsidh mi dhuibh aig an deireadh cò an duine a dh’inns an sgeul. Mura h-eil sibh eòlach air dualchainnt Mhuile, na gabhaibh dragh sam bith. Tha i cianail furasta a thuigsinn.
Mus inns mi an sgeul, tha mi airson bruidhinn mun Ghàidhlig air shark. Ma thèid sibh don Fhaclair Bheag no gu Faclair Dwelly, agus ma chuireas sibh ‘shark’ don einnsean-rannsachaidh, bidh tòrr cheann-fhaclan a’ nochdadh. Tha cuid dhiubh a’ riochdachadh ghnèithean sònraichte agus cuiridh sinn iad sin an dàrna taobh.
Tha dà fhacal a’ stobadh a-mach – siorc agus cearban. Tha cearban, mar as trice, a’ seasamh airson basking shark. Tha sin a’ fàgail siorc mar fhacal coitcheann airson shark. Ach dè tha am bodach Muileach ag ràdh anns an sgeul seo? Uill, tha esan ag ràdh ‘shark’ coltach ris a’ Bheurla. Chan e siorc ach siarc. Air sàillibh sin, tha mi fhìn a’ dol a chleachdadh siarc nuair a tha mi ag aithris an sgeòil. A bharrachd air sin, tha am fear-aithris ag ràdh madadh-alla airson ‘wolf’, seach madadh-allaidh. Canaidh mi sin cuideachd.
ʼS e an t-ainm air an sgeul ‘An Seòladair agus an Leòmhann’. Bha seòladair a bha seo a’ seòladh ann an long-chogaidh. Bha e a’ gabhail fadachd nach robh e a’ faotainn aiste. Bha an long air acair ann am bàgh latha a bha seo. Smaoinich an seòladair gun snàmhadh e gu tìr.
Leum e a-mach. Cha robh e fad’ air an t-snàmh nuair a thàinig siarc as a dhèidh. Nise, feumaidh siarc a dhol air a dhruim mus fhaigh e grèim ort, oir tha am beul aige a-staigh cho fada agus an t-sròn aige a-mach cho fada. Bha an seòladair na shnàmhadair math. Bha e a’ tighinn faisg air tìr agus bha madadh-alla ga choimhead.
Mhothaich an snàmhadair dha agus chaidh e fodha. Leum am madadh-alla a-steach agus dh’ith an siarc e. Mar sin fhuair an seòladair gu sàbhailte gu tìr.
Chaidh e air aghaidh tro gharbhlach mòr. Ràinig e àite far an robh leòmhann. Thug an leòmhann nuallan aiste. Thog i a cas toisich. Thug an seòladair an aire gun robh a cas air at. Bha stob de dh’fhiodh innte. Thug an seòladair an stob aiste.
Lean feadhainn eile bhon luing e. Chunnaic iad e, agus e a’ ruigsinn a’ chladaich . Bha iad a’ dol ga pheanasachadh airson teicheadh bhon luing. Chaidh iad fhèin air tìr agus ghlac iad an leòmhann.
Thilg iad an duine don chèidse far an robh an leòmhann. Ach cha do rinn an leòmhann air ach imlich! Oir dh’aithnich i an duine. Chaidh an sgeul seo innse le Dòmhnall MacPhàrlain a bha na chìobair anns an Ros Mhuileach.