FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas MacDhonnchaidh, an lus-eòlaiche. Eadar an Cèitean agus an Dàmhair ann an seachd ceud deug, seasgad ?s a h-ochd (1768) chaidh e air chuairt mhòr ann an sgìrean Gàidhealach.

Audio is playing in pop-over.

Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas MacDhonnchaidh, an lus-eòlaiche. Eadar an Cèitean agus an Dàmhair ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1768) chaidh e air chuairt mhòr ann an sgìrean Gàidhealach. Sgrìobh e notaichean mu na daoine.

Cha robh beachd ro mhath aige air na taighean aca. Ach bha na leapannan aca gu math cofhurtail. Bha iad air an dèanamh de fhraoch no de chonnlach le bàrr nan lusan gu h-àrd. Bha iad coltach ri leapannan le spriongaichean mar a th’ againn an-diugh oir bhiodh cumadh nan lusan a’ tilleadh nuair nach robh na daoine nan laighe orra.

Bidh mi a’ fuine aran gu tric agus bha mi riamh a’ meòrachadh air mar a ghlèidh daoine beirm anns an t-seann aimsir. Uill, tha Seumas MacDhonnchaidh ag innse dhuinn. Bhiodh iad a’ gearradh slat-dharaich mu cheithir no còig òirlich ann an cuairt-thomhas. Bhiodh iad ga snìomh agus an uair sin ga cur ann am beirm ùr airson grunn uairean a thìde. Bhiodh iad a’ crochadh na slaite snìomhte airson a tiormachadh.

Nuair a bha iad feumach air beirm, can airson deoch mar leann a dhèanamh, bhiodh iad a’ toirt na slaite-daraich sìos agus ga cur ann am poit anns an robh brailis meadh-bhlàth. An ceann dà uair a thìde bhiodh beirm aca deiseil airson cleachdadh.

Airson leathar a chartadh, bha na Sgitheanaich a’ cleachdadh nam freumhaichean aig lus beag ris an canar Cairt-làir no Tormentil. Bhiodh daoine cuideachd a’ cartadh no a’ glanadh a-mach caolain nan laogh as t-Earrach. Bha na banaraich a’ cur dà lus gu feum airson sin.

B’ e fear dhiubh Scots lovage no Sunais ann an Gàidhlig. B’ e am fear eile lus brèagha ris an canar Roseroot ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin Lus nan Laoch. Thathar ag ràdh gur e as coireach ri ainm gu bheil e doirbh a lorg ach a-mhàin air creagan is bearraidhean. Feumaidh tu a bhith nad laoch airson fhaighinn!

Uill, a rèir na dh’aithriseas Seumas MacDhonnchaidh, ʼs e Lus nan Laogh, chan e Lus nan Laoch, a chanadh na Sgitheanach ris. Agus bhiodh sin gu math coltach. ʼS e lus eile air a bheil ‘Lus nan Laogh’, ann an cuid de dh’àiteachan, an Trì-bhileach no Bogbean oir tha sin air a chur gu feum airson slàinte nan laogh anns an aon dòigh.

Cuideachd anns an Eilean Sgitheanach, tha Seumas ag innse dhuinn mu mar a fhuair na daoine diofar dhathan airson clò a dhathadh. Fhuair iad buidhe bho bhàrr an fhraoich. Airson dearg, bha Lus an Leasaich no an Rù (Lady’s Bedstraw ann am Beurla) na b’ fheàrr na Màdar.

Ann am Muile, bhiodh a’ chlann gu tric a’ fulang le dathagan no worms. Airson sin, bhiodh daoine a’ gabhail deoch de roid no Bog-myrtle. Ann am Muile agus san Eilean Sgitheanach, bhiodh boireannaich ag òl deoch de Gharbhag an t-Slèibhe (the Fir Clubmoss) airson casg-breith adhbharachadh. Chan eil MacDhonnchaidh ag innse dhuinn cho èifeachdach ʼs a bha i no dè na frith-bhuaidhean a bha i ag adhbharachadh.

Agus tha e ag innse dhuinn mu mar a bhiodh na boireannaich a’ seinn fhad ʼs a bha iad a’ luadhadh a’ chlò ann an còmhlan. A bheil aithris nas tràithe na seo air na h-òrain luadhaidh a tha cho ainmeil ann an dualchas nan Gàidheal?

Litir 1236 Litir 1236 Litir 1238 Litir 1238

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!