FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (1)

Bidh sibh car sgìth de bhith a’ cluinntinn an ainm ‘Seumas MacDhonnchaidh’. Tuigidh mi sin oir bha mi ag ainmeachadh ministear dhen ainm sin anns na còig Litrichean mu dheireadh.

Audio is playing in pop-over.

Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (1)

Bidh sibh car sgìth de bhith a’ cluinntinn an ainm ‘Seumas MacDhonnchaidh’. Tuigidh mi sin oir bha mi ag ainmeachadh ministear dhen ainm sin anns na còig Litrichean mu dheireadh. B’ esan an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Nise, tha mi a’ dol a dh’ainmeachadh ‘Seumas MacDhonnchaidh’ a-rithist an-diugh. Ach, chan e an aon duine a th’ ann! Chan e ministear a bh’ ann ach lus-eòlaiche. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Chan aithne dhomh cus mun duine, ach bha e ag obair anns an Lios Luibheach Rìoghail ann an Dùn Èideann. Bha e fo stiùir Àrd-ollamh an Lus-eòlais ann an Oilthigh Dhùn Èideann, Iain Hope.

Rinn Seumas tòrr rannsachaidh air lusan na Gàidhealtachd, a’ tòiseachadh math dh’fhaodte ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a sia (1766). Airson còig bliadhna an dèidh sin, bhiodh e a’ cur seachad ùine mhòr air a’ Ghàidhealtachd, eadar an t-Earrach agus am Foghar, ann a bhith a’ rannsachadh lusan. Bha e a’ faighinn tuarastal airson sin bho Choimiseanairean nan Oighreachdan Arfantaichte. Sin na h-oighreachdan a ghabh an riaghaltas thairis bho chinn-chinnidh Sheumasach.

Ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1768), dh’fhàg Seumas Dùn Èideann air an deicheamh latha dhen Chèitean. Chaidh e a Shiorrachd Lannraig, Siorrachd Àir agus Siorrachd Bhaile na h-Ùige. Chaidh e a dh’Arainn, a dh’Eilean Bhòid, agus an uair sin a dh’Inbhir Aora agus air adhart a Mhuile agus don Eilean Sgitheanach. Dh’fhàg e an t-Eilean Sgitheanach air an ochdamh latha dhen Dàmhair agus thill e dhachaigh naoi latha an dèidh sin.

Nuair a dh’fhàg e Dùn Èideann, bha e fo òrdugh sùil gheur a thoirt, am measg eile, air ‘lusan na mara’. Tha mi an dùil le sin gun robhar a’ ciallachadh ‘feamainn’. Rinn e obair ionmholta air na lusan ann am Bòd. Bha am pàipear a sgrìobh e à sealladh airson cha mhòr trì cheud bliadhna mus robh e air a lorg a-rithist.

Lorg Seumas còrr is trì cheud gnè lusa a tha fhathast a’ fàs ann am Bòd. Ach tha timcheall air ceathrad gnè air an liosta aige nach deach a chlàradh anns an eilean bhon uair sin. Mar eisimpleir, chlàir esan lus beag ris an canar ‘garbhag an t-slèibhe’ no am fir-clubmoss. Bha e gu math ainmeil am measg nan Gàidheal mar lus-dìon. Ma tha sin air a dhol à bith ann am Bòd bhon uair sin, math dh’fhaodte gur e falaisgearan no ionaltradh as coireach. Ach tha e doirbh a bhith cinnteach.

Shreap Seumas gu mullach iomadh beinn air a’ Ghàidhealtachd. Thathar ag aithris gum b’ esan a’ chiad duine a-riamh a ràinig grunn de na mullaichean. Ach tha sin a’ cur an dàrna taobh na Gàidheil a chaidh gu mullaichean gun a bhith a’ sgrìobhadh no a’ bòstadh mu dheidhinn!

Bha Seumas thall thairis cuideachd. Rinn e rannsachadh air lusan ann an Sìonaidh agus na h-Innseachan, ann an Afraga a Deas agus ann an eilean St Helena. A bharrachd air a bhith sgileil mar lus-eòlaiche, bha e math air dealbhan de lusan a dhèanamh. Tha co-dhiù aon dealbh aige anns an leabhar ainmeil Flora Scotica le Lightfoot a nochd ann an clò ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a seachd (1777).

Agus sgrìobh MacDhonnchaidh notaichean mu na daoine agus an dòigh-beatha anns na sgìrean Gàidhealach. Bheir sinn sùil orra an-ath-sheachdain.

Litir 1235 Litir 1235 Litir 1237 Litir 1237

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!