FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Saobh-chràbhaidhean Gàidhealach

Airson beagan sheachdainean, tha sinn air a bhith ann an cuideachd seann mhinistear Chalasraid, an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh.

Audio is playing in pop-over.

Saobh-chràbhaidhean Gàidhealach

Airson beagan sheachdainean, tha sinn air a bhith ann an cuideachd seann mhinistear Chalasraid, an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh. No, mar a tha mi dìreach air faighinn a-mach – an t-Ollamh Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Tha mi a’ gealltainn gum bi sinn a’ leigeil soraidh leis an-diugh. Ach, mus leig, bidh sinn a’ tadhal air aon turas eile.

Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1791) sgrìobh am ministear litir gu Seumas Druimeanach, Iarla Pheairt. B’ e cuspair na litreach saobh-chràbhaidhean Gàidhealach, gu sònraichte à Siorrachd Pheairt. Bha bean an Iarla air sgrìobhadh don mhinistear, ag iarraidh air innse dhi mu shaobh-chràbhaidhean nan Gàidheal. Bha sin an dèidh dha a bhith a’ tadhal orra ann an Caisteal an Druimein – an dachaigh aca faisg air Maothail. Feumaidh gun robh am ministear ag innse dhaibh mu chleachdaidhean agus deas-ghnàthan nan Gàidheal co-cheangailte ri Oidhche Shamhna.

Dh’inns mi dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu dhòigh a bh’ aig daoine òga faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh. Bha iad a’ criathradh airgead ann an sabhal. Uill seo agaibh dòigh eile.

Air Oidhche Shamhna, bhiodh duine a’ dol don fhaing agus gheibheadh iad clòimh o chaora dhubh. Bhiodh iad a’ snìomh na clòimhe gun a bhith a’ bruidhinn ri duine sam bith eile. Bhiodh ceirsle aca an uair sin. Bhiodh iad a’ falbh leis a’ cheirsle gu àth far am biodh daoine a’ tiormachadh gràn agus biadh eile.

Bhiodh iad a’ tilgeil na ceirsle don àth ann an ainm an Droch Fhir, a’ cumail grèim air aon cheann dhith. Bhiodh iad a’ tarraing an t-snàtha a-steach gus an tigeadh stad air. Bhiodh iad an uair sin a’ faighneachd, ‘Cò tha a’ cumail grèim air mo cheirsle?’ Agus bhiodh freagairt ann bho gu h-ìosal, ag innse cò an cèile a bhiodh aig an duine sin.

Tha an t-Ollamh MacDhonnchaidh a’ toirt cunntas de thachartas annasach mar a chaidh innse dhàsan. Bha fear a bha seo a’ fuireach ann an taigh bràthair a sheanmhar no a sheanar. Feumaidh gun robh am bodach beartach oir bha searbhant aige. Cha robh an searbhant pòsta. Oidhche Shamhna a bha seo, chaidh an searbhant gu sabhal airson airgead a chriathradh. Bha e airson faighinn a-mach cò a’ bhean a bhiodh aige.

Thàinig samhla de bhoireannach a-steach agus ghabh i grèim air a’ chriathar. Ach grèim aotrom. Cha do tharraing i an criathar bhuaithe. Thàinig samhla boireannaich eile a-steach agus rinn i an aon rud. An dèidh sin, thàinig ceathrar a-steach. Bha iad a’ giùlan ciste air eileatrom. Choisich iad tron t-sabhal – a-steach air aon doras agus a-mach air an doras eile.

Bha an t-eagal air an t-searbhant. Ach mus d’ fhuair e cothrom teicheadh, thàinig samhla de threas boireannach a-steach. Ghabh ise grèim làidir air a’ chriathar agus tharraing i bhuaithe e. Theich an duine sa bhad, agus e làn eagail. Chaidh e don taigh mhòr, agus dh’inns e na thachair. Agus thuirt am bodach ris, ‘Bidh thu pòsta trì tursan. Gheibh a’ chiad dithis bhan agad bàs. Chunnaic thu an tiodhlacaidhean a-nochd. Agus, a rèir a’ chunntais, thachair a h-uile càil mar a thuirt am bodach.

Litir 1234 Litir 1234 Litir 1236 Litir 1236

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!