Tha fhios a’m nach e seo an t-àm dhen bhliadhna airson a bhith a’ beachdachadh air Oidhche Shamhna. Ach tha mi a’ beachdachadh air Oidhche Shamhna! Tha mi air a bhith a’ leughadh cunntas mu na teintean rainich a bhiodh ann o shean air Oidhche Shamhna air a’ Ghàidhealtachd. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘fern fires’. Cha do sgrìobh an duine ‘bracken’ ged a tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a bha e a’ ciallachadh. Sgrìobh e ‘ferns’.
Bhiodh feadhainn òga a’ cruinneachadh na rainich tron latha. Bha an connadh air a chàrnadh air mullach cnuic faisg air a’ bhaile. Aig ciaradh an fheasgair, bha an teine air a lasadh. Bidh fios agaibh gu bheil raineach donn is tioram aig an àm sin dhen bhliadhna. Tha e furasta a cur na smàl. Bhiodh na h-uibhir a’ nochdadh aig a’ bhraidseal. Bha iad a’ dèanamh gàirdeachas.
Nuair a bha an teine air a dhol sìos, gheibheadh gach duine a bha an làthair clach bheag. Bha comharra eadar-dhealaichte air gach clach. Chuireadh an neach a bu shine a’ chlach acasan air an talamh, aig oir luaithre an teine. Bhiodh iad ag ràdh ri càch gur ann leothasan a bha a’ chlach.
Bhiodh an fheadhainn eile ga leantainn, a’ cur an clachan fhèin ann gus an robh clachan timcheall luaithre an teine gu lèir. Nam biodh duine sa bhaile gun chomas a dhol ann, bhiodh dlùth-charaid dhaibh a’ cur clach ann dhaibh.
Tha mi an dùil gun deach na daoine deiseil timcheall an teine. ʼS ann deiseil a bhiodh na seann Ghàidheil a’ dol timcheall rud sam bith co-cheangailte ri creideamh, co-dhiù bha sin Crìosdail no ro-Chrìosdail.
Cha bhiodh duine a’ dol faisg air an àite tron oidhche. An ath mhadainn, bheireadh iad sùil air an luaithre agus air na clachan. Nam biodh clach sam bith air a dhol far an àite aice thairis air an oidhche, bha iad a’ creidsinn gum biodh an neach a chuir ann i a’ faighinn bàs taobh a-staigh bliadhna. Bha an aon rud fìor nam biodh lorg-coise an duine ri fhaicinn anns an luaithre.
Cha robh deas-ghnàth na Samhna seachad aige sin, ge-tà. Bha an fheadhainn òga a’ feuchainn ri faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh. Tha an cunntas ag innse dhuinn aon dòigh airson sin a dhèanamh. Bhiodh an neach a’ dol gu sabhal anns an robh doras aig gach ceann dheth. Bha na dorsan air am fosgladh.
Anns an t-sabhal, bha criathar air a thoirt don neach a bha ag iarraidh faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh. Bha pìos airgid no seud air a chur ann. Bhiodh an neach an uair sin a’ criathradh ann an ainm an Droch Fhir.
Nuair a bha seo a’ dol air adhart, bhiodh daoine a’ faicinn samhla de dhuine a’ tighinn a-steach. Bhiodh e a’ toirt a’ chriathair on duine a bha a’ criathradh. Agus bhiodh coltas air mar choltas a chèile a bhiodh ann san àm ri teachd.
Carson a tha mi ag innse seo dhuibh? Uill, bha mi a’ smaoineachadh an t-seachdain sa chaidh gun robh mi deiseil leis an Urramach Seumas MacDhonnchaidh à Calasraid. Ach cha robh, oir is esan a sgrìobh an cunntas seo ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1791).