FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (3)

Sgrìobh an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh mu dheidhinn ainmean-àite timcheall Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (3)

Sgrìobh an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh mu dheidhinn ainmean-àite timcheall Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Airson a’ bhaile aige fhèin – Callander ann am Beurla – thug e dà mhìneachadh seachad. Anns a’ chiad àite tha cala a’ ciallachadh ‘port’. Mar sin, ʼs e Cala-sraid an t-sràid a tha a’ dol eadar an caisteal agus an cala far an robh bàt’-aiseig air an abhainn.

Ach tha Callander ann cuideachd. Tha Mgr MacDhonnchaidh ag ràdh gur dòcha gun tàinig sin bho Calltainn-doir a’ ciallachadh coille bheag anns an robh craobhan-calltainn. Thug an sgoilear Pàdraig MacNaoimhin sùil air a’ ghnothach o chionn dà bhliadhna agus cha do ràinig e co-dhùnadh air tùs an ainm.

Bha mi riamh a’ beachdachadh air Beinn Mheanbh (Ben Venue) anns na Tròisichean. Tha i nas àirde na beinn sam bith eile timcheall Loch Ceiteirein. Carson, ma-thà, as e A’ Bheinn Mheanbh a th’ oirre? Uill, tha Seumas MacDhonnchaidh ag innse dhuinn. Tha i ann an loidhne eadar dà bheinn mhòr – Beinn Laomainn agus Beinn Lididh. Tha i letheach-slighe eatarra. Ach tha i nas ìsle nan dà bheinn sin. ʼS e ‘beinn mheanbh’ a th’ innte an coimeas riuthasan.

Tha Mgr MacDhonnchaidh cuideachd a’ dèanamh coimeas eadar na faclan coire agus gleann. Tha iad le chèile a’ seasamh airson ‘valley’ ann am Beurla. Tha coire dùinte aig aon cheann dheth mar ‘thaigh-cluiche fosgailte’. Tha gleann, air an làimh eile, fosgailte aig an dà cheann. Tha Mgr MacDhonnchaidh a’ cumail a-mach gu bheil glè bheag de chànanan eile a’ dèanamh sgaradh, le aon fhacal, eadar an dà sheòrsa de ghleann.

Tha am ministear cuideachd a’ mìneachadh ainm lochain shuas air druim Beinn Lididh. ʼS e sin Lochan nan Corp. Bha buidheann à Gleann Fhionnghlais a’ falbh thar na beinne airson tiodhlacadh ann an caibeal Naomh Brìde air cladach Loch Lùdnaig. Bha an lochan reòite agus math dh’fhaodte gun robh e còmhdaichte le sneachd. Thuit na daoine tron deigh agus bha iad air am bàthadh.

Air cladach an iar Loch Lùdnaig tha creag air a bheil Creag na Co-sheilg. Tha e a’ ciallachadh ‘the rock of the joint hunting’. Tha Mgr MacDhonnchaidh ag innse dhuinn gun robh i air a’ chrìch eadar dà oighreachd. Air làithean seilg, bhiodh na h-uachdarain a’ coinneachadh an sin, len coin agus luchd-taice.

Cha chreid mi nach eil daoine dhen bheachd gur e Glen Finglas Gleann Fhionnghlais ‘glen of the fair stream’. Ach sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘the fair green glen’. Nuair a bha esan beò, bha e ag ràdh gun robh pàirc cho mòr ann ʼs a chitheadh tu ann an àite sam bith anns na sgìrean sin. Cuideachd, bha e ag ràdh gun robh am feur fada, a tha gorm as t-samhradh, a’ dol bàn – gealaichte – anns a’ gheamhradh.

Uill, sin agaibh cuid de na beachdan aig an Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Mo bheannachd air, gu h-àraidh airson a bhith a’ dìon na Gàidhlig aig àm nuair nach robh gu leòr de dhaoine sgoileireil ga dìon.

Litir 1232 Litir 1232 Litir 1234 Litir 1234

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!