Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach. Tha e ag innse dhuinn, ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1794) gur e Beurla a bh’ aig na h-uaislean, ach gur e Gàidhlig a bh’ aig na daoine cumanta.
Tha Mgr MacDhonnchaidh a’ dèanamh soilleir gun robh gràdh aige air a’ Ghàidhlig. ‘Cha leig sinn a leas càil a ràdh mun chànan seo riuthasan a thuigeas i,’ tha e a’ sgrìobhadh. ‘Tha iad eòlach air a lùths agus a cumhachd ... Seo na bh’ aige ann am Beurla: They know its energy and power; the ease with which it is compounded; its majesty in addressing the Deity; and its tenderness in expressing the finest feelings of the human heart.
Ach tha e cuideachd ag ràdh nach robh daoine anns an fharsaingeachd a’ cur cus sùim anns a’ chànan no a càirdeas le cànanan eile. An uair sin, tha e fhèin a’ feuchainn ri sin a chur ceart. Tha e a’ sgrìobhadh mu thràthan agus modhan nan gnìomhairean, teàrnadh nan ainmearan is mar sin air adhart.
Tha e a’ cleachdadh an litir ‘v’ nuair a tha e a’ sgrìobhadh na Gàidhlig anns an t-Seann Chunntas. Tha e a’ sgrìobhadh an fhacail sgrìobh, mar eisimpleir, mar s-c-r-i-v. Chuir sin iongnadh orm oir bha dreach Gàidhlig an Tiomnaidh Nuaidh ann an clò aig an àm sin. Ach bha e ag ràdh gur ann airson luchd na Beurla a rinn e sin, gus an tuigeadh iad mar a chanadh iad am facal.
Tha Seumas MacDhonnchaidh ag aideachadh gun robh Calasraid car air a’ chrìch eadar a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd. Bha an fheadhainn a bha a’ fuireach gu sear is gu deas dìcheallach agus dripeil. Bha an fheadhainn gu tuath is gu siar car dìomhain ach uaibhreach.
Bha am ministear dhen bheachd gun robh e duilich gun robh daoine a’ trèigsinn an fhearainn agus a’ dol a dh’fhuireach ann am bailtean. Tha e a’ gabhail ‘villages’ air na bailtean sin. Bha e air a bhith na b’ fheàrr dhaibh, tha e ag ràdh, nan robh iad air fuireach a-muigh air an dùthaich mar a bha an sinnsearan, a’ frithealadh an cruidh air leathad na beinne agus a’ cruthachadh bàrdachd!
Ge-tà, tha e ag ràdh gun robh comas aig fear àbhaisteach – saothraiche – le taic a mhnà còignear no sianar de chloinn a thogail le glè bheag de thaic bhon sporan phoblach. Bha sin stèidhichte air tuarastal suas ri tastan agus trì sgillinn san latha.
Bha am beatha-san eadar-dhealaichte bhon dòigh-beatha againn, ge-tà. Nuair a ruigeadh a’ chlann ochd no deich bliadhna a dh’aois, bhiodh iad air an cur a-mach airson sùil a thoirt air a’ chrodh as t-samhradh. ʼS ann sa gheamhradh a bhiodh iad a’ dol don sgoil. Bhiodh iad a’ ceannach mine agus a’ fàs buntàta air an lot aca fhèin. Agus, le bainne bhon bhoin aca fhèin, bhiodh iad cofhurtail gu leòr. Agus bhiodh ùine aca airson bàrdachd a chruthachadh!
Bha Mgr MacDhonnchaidh trom, ge-tà, air rudan nach do chòrd ris. Bhiodh biadh gu leòr ann do na daoine bochda mura b’ e an uiread de choin timcheall nam bailtean, tha e a’ sgrìobhadh. Agus bha fada cus thaighean-seinnse ann airson maith an t-sluaigh. An-ath-sheachdain bheir sinn sùil air beachdan a’ mhinisteir air ainmean-àite timcheall Chalasraid.