FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (1)

O chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh ainm-sràide ùr a thaghadh airson raon-taigheadais ùr ann an Calasraid anns na Tròisichean.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (1)

O chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh ainm-sràide ùr a thaghadh airson raon-taigheadais ùr ann an Calasraid anns na Tròisichean. ʼS e an t-ainm a th’ air an t-sràid ‘Robertson Way’. Tha e a’ cuimhneachadh fear ainmeil à Calasraid fhèin.

B’ esan an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh – James Robertson – a bha na mhinistear paraiste ann an Calasraid anns an ochdamh agus naoidheamh linn deug. Rinn e a dhìcheall airson àiteachas agus foghlam adhartachadh anns an sgìre aige.

A bharrachd air sin, sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1794). Chan e earrann bheag a th’ ann idir – tha caogad ʼs a seachd duilleagan innte! Agus tha tòrr fiosrachaidh innte mun Ghàidhlig agus dualchas nan Gàidheal.

Rugadh Seumas MacDhonnchaidh ann an Calasraid ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739). Phòs e tè Iseabail Ghreumach agus bha aon duine deug aca de chloinn. Chaochail dithis aca nuair a bha iad nan leanaban, ach ràinig a’ chuid a bu mhotha dhiubh deagh aois.

Anns an Litir seo, tha mi airson rud no dhà innse dhuibh a sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh mun Ghàidhlig. Tha mi an dùil gun robh Gàidhlig aige bho dhùthchas. ʼS e sgìre Ghàidhealach a bh’ anns na Tròisichean an uair sin. Eadhon aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha Gàidhlig fhathast aig ceathrar às gach deichnear anns an dùthaich timcheall Chalasraid.

Mar mhinistear, bha Seumas MacDhonnchaidh eòlach air Laidinn agus air an t-Seann Ghreugais. Tha e ag innse don leughadair anns a’ chunntas aige gu bheil an aon fhacal ann airson ‘an Tì as àirde’ ann an Gàidhlig agus Greugais – Dia. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil an aon fhacal ann an Gàidhlig agus Laidinn airson ‘land’, ‘castle’ agus ‘harbour’. Feumaidh gun robh e a’ beachdachadh air tìr, caisteal agus port. Chan eil e deònach a ràdh, ge-tà, dè an cànan anns an robh na faclan sin bho thùs. An ann bhon Laidinn gu Gàidhlig a chaidh iad, no an robh iad air a dhol dhan Laidinn bho sheann chànan nan Ceilteach.

Mar mhinistear, tha e inntinneach gu bheil uiread de dh’ùidh aige ann an creideamh nan draoidhean, ach tha. Tha e ag innse dhuinn gun robh na clachan seasaimh aig na draoidhean fìor chudromach dhaibh – agus do na daoine a bha beò ri an linn. Tha e a’ sgrìobhadh seo – agus canaidh mi ann am Beurla e, mar a tha e sgrìobhte aige. ‘... the same expression, which the people then used for their place of worship, is still used to this day; as the Highlanders more frequently say, ‘Will you go to the stones’ or ‘Have you been at the stones?’ than ‘Will you go to, or have you been, at church?’

Bha e a’ ciallachadh le sin, gum bi sinn a’ cleachdadh an fhacail clachan airson eaglais no baile ri taobh eaglais. An robh thu aig a’ chlachan? Were you at church? Anns an latha an-diugh, chanainn nach eil sin idir cho cumanta ʼs a bha e ri linn Sheumais MhicDhonnchaidh. Ach, gu traidiseanta, chan e ‘Ministear na Comraich’ a chanadh mo shinnsirean fhèin ach ‘Ministear a’ Chlachain’ airson ‘the minister of Applecross’. Agus ʼs e ‘Eaglais a’ Chlachain’ a chanas sinn fhathast ris an t-seann eaglais againn. Tuilleadh bhon Urr. Seumas MacDhonnchaidh an-ath-sheachdain.

Litir 1230 Litir 1230 Litir 1232 Litir 1232

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!