An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun phàipear a sgrìobh E. G. Ravenstein mu staid nan cànanan Ceilteach. Ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879), bha Gàidhlig aig 89.6 às a’ cheud (%25) de mhuinntir Siorrachd Chataibh. Bha sin na b’ àirde na siorrachd sam bith eile. Air an t-slait-thomhais sin b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche ann an Alba aig an àm sin.
Ach math dh’fhaodte gu bheil dòighean eile ann coimhead air a’ chùis. Rinn Ravenstein tomhas cuideachd air na sgilean cànain aig daoine anns na ceàrnaidhean far an robh Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid. ʼS ann anns na sgìrean sin a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine aig nach robh Beurla.
Anns na siorrachdan a leanas, bha a h-uile duine aig an robh Gàidhlig cuideachd fileanta ann am Beurla: Gallaibh, Farfair, Sruighlea agus Dùn Breatann. Bha siorrachdan eile ann far an robh na bu lugha na aonan às a’ cheud gun chomas ann am Beurla. B’ iad sin Eilginn, Banbh agus Bòd. Agus bha siorrachdan ann le na bu lugha na sia às gach ceud gun Bheurla – Siorrachd Narann, Siorrachd Pheairt agus Siorrachd Chataibh. Seadh, ged a bha Cataibh fhathast gu math Gàidhealach, bha a’ Bheurla a’ sìor thighinn a-steach.
Dè, ma-thà, an t-siorrachd a bu mhotha anns an robh daoine gun Bheurla? Bha Siorrachd Inbhir Nis, le trithead ʼs a ceithir às a’ cheud (34%25) aig nach robh Beurla. Bha na figearan airson Rois is Chrombaidh agus Earra-Ghàidheal na b’ ìsle – aig 14%25 agus 17%25.
Chuir e iongnadh orm gun robh am figear airson Siorrachd Inbhir Nis cho àrd, ach bha e a’ gabhail a-steach Na Hearadh, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus taobh an iar Loch Abar. Sgrìobh Ravenstein gur ann anns na h-Eileanan an Iar a b’ fhaide a mhaireadh a’ Ghàidhlig. Cha robh Beurla aig dà thrian de na daoine agus bha clann luchd-imrich a’ togail a’ chànain. Ge-tà, sgrìobh e seo: bha foghlam anns a’ chuid a bu motha de na sgoiltean ann am Beurla a-mhàin agus, aig a’ cheann thall, ʼs ann aig a’ Bheurla a bhiodh làmh-an-uachdair.
Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar trì eileanan ann an Linne Chluaidh. Ann an Cumaradh, bha an sluagh air a dhol Gallta uile-gu-lèir. Bha cùisean eadar-dhealaichte ann an Eilean Bhòid. Bha sluagh mòr a’ fuireach ann – còrr is deich mìle duine. Bha Gàidhlig fhathast aig ochd-deug às a’ cheud de mhuinntir an eilein agus bha ceud gu leth duine aig nach robh Beurla.
Ach tha Ravenstein ag innse dhuinn gur ann à Earra-Ghàidheal a thàinig a’ chuid a bu mhotha de na Gàidheil Bhòdach. Mura b’ e sin, tha e ag ràdh, bha a’ Ghàidhlig air a dhol à bith ann am Bòd roimhe sin.
Ach nach èist sibh ris na figearan airson Eilean Arainn. Bha Ravenstein dhen bheachd gun robh Gàidhlig aig naoinear às gach deichnear. Bha iad, ge-tà, uile dà-chànanach. Mean air mhean, bha a’ Bheurla a’ faighinn làmh an uachdair. Bha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh anns an dàrna cuid de sheirbheisean eaglais ach cha robh i anns na sgoiltean gu ìre mhòr sam bith. Seachd bliadhna an dèidh do dh’Achd an Fhoghlaim thighinn gu bith, chan eil sin na iongnadh.