FaclairDictionary EnglishGàidhlig

E.G. Ravenstein agus A’ Ghàidhlig (1)

Tha mi airson innse dhuibh mu rannsachadh a rinn E.G. Ravenstein anns an naoidheamh linn deug.

Audio is playing in pop-over.

E.G. Ravenstein agus A’ Ghàidhlig (1)

Tha mi airson innse dhuibh mu rannsachadh a rinn E.G. Ravenstein anns an naoidheamh linn deug. Ernst Georg Ravenstein, a rugadh anns a’ Ghearmailt ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1834). Ged as e Gearmailteach a bh’ ann, chuir e seachad a’ chuid a bu mhotha de a bheatha phroifeiseanta ann an Sasainn.

Bha Ravenstein na chairt-iùiliche agus dh’fhàs e rudeigin ainmeil. Bha e na bhall de chomhairlean-stiùiridh a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil agus a’ Chomainn Rìoghail Chruinn-eòlaich. Agus ʼs e a rinn na dealbhan agus figearan airson Philip’s World Atlas fad ùine mhòr.

Carson a tha mi ag innse dhuibh mu E.G. Ravenstein anns an Litir? Uill, rinn e rannsachadh air na cànanan Ceilteach. Agus dh’fhoillsich e pàipear airson a’ Chomainn Rìoghail Statastaigeil ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879) anns an robh fiosrachadh prìseil mu Ghàidhlig na h-Alba.

Anns an ro-ràdh aige, tha Ravenstein ag ràdh nach robh, aig an ìre sin, an cunntas-sluaigh nàiseanta a’ faighneachd ceist mu labhairt na Cuimris no na Gàidhlig. Agus dìreach dà bhliadhna an dèidh do Ravenstein a phàipear a lìbhrigeadh, bha ceist anns a’ chunntas-sluaigh mu dheidhinn na Gàidhlig airson a’ chiad turais.

Ciamar a chruinnich Ravenstein am fiosrachadh a chuir e ann an clò? Uill, chuir e-mach mìle is dà cheud litir, eadar Alba is a’ Chuimrigh, gu daoine aig am biodh fios air staid a’ chànain anns an nàbachd aca. Fhuair e freagairtean don dàrna cuid dhiubh. Gu sònraichte, b’ iad na daoine sin luchd-clàraidh breithe, pearsaichean-eaglais agus maighstirean-sgoile. Ach, a bharrachd air sin, chuir Ravenstein litrichean gu ‘daoin-uaisle’ aig am biodh fios agus ùidh anns a’ chuspair.

Bha duilgheadas aige fios fhaighinn air ais bho chuid de choimhearsnachdan. Anns na cùisean sin, chuir e fios gu prìomh òstair an àite. Dh’aidich Ravenstein gur dòcha nach d’ fhuair e an fhìrinn ghlan mu staid na Gàidhlig anns a h-uile àite ach, anns an fharsaingeachd, gun robh a cho-dhùnaidhean faisg air an fhìrinn.

Tha ceist agam dhuibh. Saoil dè an t-siorrachd ann an Alba as làidire a bh’ ann a thaobh na Gàidhlig ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879)? Tha mi a’ ciallachadh le sin – dè an t-siorrachd anns an robh an ceudad a bu mhotha aig an robh Gàidhlig? Bheir mi am fuasgladh dhuibh aig deireadh na Litreach.

Thomhais Ravenstein àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba aig trì cheud ʼs a h-aon mìle (301,000). Bha dà cheud, seasgad ʼs a seachd mìle (267,000) a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus trithead ʼs a ceithir mìle (34,000) air a’ Ghalltachd. Thairis air an dàrna leth de dh’Alba air fad – a rèir meud na tìre – bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh. Ach bha sin a’ riochdachadh dìreach ochd às a’ cheud de mhuinntir na h-Alba.

Agus air ais don cheist mun t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche a bh’ ann ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879). Seo agaibh na ceithir siorrachdan as àirde agus an ceudad de dhaoine aig an robh Gàidhlig annta. Ros is Crombaidh 76.9; Earra-Ghàidheal 81.8; Inbhir Nis 83.3 agus Cataibh 89.6. Seadh, b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche. Smaoinichibh!

Litir 1227 Litir 1227 Litir 1229 Litir 1229

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!