An cuala sibh riamh am beachd gum bu chòir do choille mhòr ‘rìoghail’ a bhith air a cur air a’ Ghàidhealtachd? Chan e coille de chraobhan-durcain à tìrean cèin, a tha cho pailt an-diugh, ach coille-dharaich. Coille dhùthchasach.
Bha mi a’ leughadh pàipear an latha eile a chaidh fhoillseachadh le Comann Àrsairean na h-Alba ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793). Bha e air a sgrìobhadh le fear ‘John Williams, Mineral Surveyor’. Bha e a’ moladh plana airson ‘Coille Dharaich Rìoghail’ a chur air a’ Ghàidhealtachd.
Nise, chan aithne dhomh cus mun duine fhèin, John Williams. Tha e coltach gun robh e ainmeil na latha fhèin. Sgrìobh e leabhar – The Natural History of the Mineral Kingdom.
Anns a’ phàipear mu choilltearachd, sgrìobh Williams gun robh mìltean de dh’acairean air a’ Ghàidhealtachd a bhiodh freagarrach airson chraobhan. Ge-tà, cha robh an fheadhainn a bh’ ann mu-thràth a’ fàs mar bu chòir. Bha iad air an cumail sìos le gobhair agus crodh a bha ag ionaltradh orra. Tuigidh sibh, aig deireadh an ochdamh linn deug, nach robh caoraich fhathast pailt air a’ Ghàidhealtachd.
Tha Williams cuideachd a’ càineadh nan Gàidheal, ag ràdh gun robh iad a’ marbhadh nan craobhan-daraich le bhith a’ gearradh an rùisg dhiubh. Bha sin airson leathar a chartadh. Ach tha e a’ càineadh nan uachdaran, am bàillidhean agus na fir-taca gu dubh. An fheadhainn a bha an sàs ann an ionaltradh, sgrìobh e, cha robh iad a’ tuigsinn gum bu chòir dhaibh a bhith cùramach don choille cuideachd.
Tha e inntinneach gur e taobh an iar na Gàidhealtachd as motha a bha fo a phrosbaig. Bha adhbhar aige airson sin. Tha lochan-mara pailt ann. Ruigidh iad taobh a-staigh na dùthcha. Do Williams, bha iad mar ‘chanàlaichean’, a’ toirt deagh chothrom do dhaoine fiodhrach a thoirt às an dùthaich. Mar a bha mòran eile, bha Williams a’ tomhas na Gàidhealtachd mar àite às an toirte rudan a bha goireasach do Bhreatainn anns an fharsaingeachd.
Gu sònraichte, bha e ag ainmeachadh nan àiteachan a leanas: A’ Chòigeach ann an Ros an Iar, Loch Iall, Loch Lòchaidh, Loch Lìobhann agus Loch Airceig ann an Loch Abar, agus faisg air Uisge Spè. Bha e a’ moladh uachdarain ann an Àird nam Murchan, Siorrachd Pheairt agus pàirtean de dh’Earra-Ghàidheal. Ach sgrìobh e gun robh coilltean ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd air an cur air dearmad.
Agus dè an lèirsinn a bh’ aige? Bha gum biodh craobhan-daraich air an cur agus air an dìon gus am fàsadh iad mòr mòr. Bhiodh iad air an toirt air falbh aig muir gu ceàrnaidh sam bith ann am Breatainn airson longan a thogail. Dh’fhaodadh coille mhòr air a’ Ghàidhealtachd a bhith na bu ghoireasaiche do rìoghachd le cabhlach na gin sam bith eile anns an Roinn Eòrpa.
Cha robh Williams buileach a’ dìochuimhneachadh muinntir an àite, ge-tà. Sgrìobh e gum faigheadh daoine obair ann an coilltearachd, gun dèanadh na h-uachdarain prothaid nas motha agus gum b’ urrainn gnìomhachas togail-longan a shuidheachadh anns a’ Ghearasdan. Bha e airson ʼs gun cuireadh an riaghaltas na h-oighreachdan a fhuair iad bho uachdarain Sheumasach fo smachd àrd-choilltear agus coille mhòr a chur orra.
Uill, bidh fios agaibh nach do thachair e. Ach, nam bitheadh e air tachairt, bhiodh a’ Ghàidhealtachd gu math eadar-dhealaichte an-diugh.