Anns an dà Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhà òran co-cheangailte ri ar-a-mach nan Seumasach. ʼS e am fear as ainmeile dhiubh Mo Rùn Geal Òg. Thathar ag ràdh gun robh e air a sgrìobhadh le Cairistiona NicFhearghais, a bhuineadh do Chunndainn. Bha i pòsta aig Uilleam Siosalach a chaill a bheatha aig Blàr Chùil Lodair.
Bhuineadh na Siosalaich do Shrath Ghlais agus na glinn eile faisg air Srath Ghlais. Agus ri taobh drochaid thairis air Abhainn Ghlais tha carragh-cuimhne ann don òran. ʼS e clach-sheasaimh a th’ innte. Tha i sìmplidh gu leòr – caol, rud beag garbh agus mu dhà mheatair a dh’àirde.
Tha seo snaighte air a’ chloich: W.C. & C.F 1746 Mo rùn geal òg. Tha W.C. a’ seasamh airson William Chisholm agus tha C.F. a’ seasamh airson Christina Fergusson. Sgrìobh fear às an sgìre, Alasdair Friseal, cunntas mu dheidhinn na cloiche faisg air deireadh an naoidheamh linn deug. Bha Alasdair a’ dlùthachadh ri ceithir fichead bliadhna a dh’aois. Fhuair e am fiosrachadh bho athair, Seumas Friseal.
Tha Alasdair ag innse dhuinn gur e Mauld Bridge, no Drochaid Mhàld, a tha mar ainm air an sgìre far a bheil a’ charragh-chuimhne. Bha Uilleam agus Cairistìona a’ fuireach anns an sgìre. Air an latha a dh’fhalbh Uilleam airson sabaid aig Cùil Lodair, leig e soraidh le a bhean aig an àite far a bheil a’ chlach.
Ach cò às a thàinig a’ chlach fhèin? Uill, tha sgeul inntinneach co-cheangailte rithe. Bha seanair Alasdair – air an robh Alasdair cuideachd – na thuathanach ann am Màld. Ach bha fearann aige air mhàl ann an Gleann Afraig.
Bha an taigh aige ann am Màld feumach air àrd-doras ùr. Nuair a bha e ann an Gleann Afraig, bha e air clach mhòr fhaicinn a bhiodh freagarrach. Thug e a’ chlach bho Ghleann Afraig gu Màld.
Bha clachair ann an Srath Ghlais – fear Siosalach a bh’ ann. Dh’iarr Alasdair Friseal air a’ chlach a chleachdadh airson àrd-doras ùr a dhèanamh. Ach bha a’ chlach ro thiugh agus trom. Bhris an clachair sliseag mhòr dhith agus chleachd e an còrr airson an àrd-dorais.
Bha am Frisealach an uair sin a’ beachdachadh air na dhèanadh e leis an t-sliseig. Dh’iarr e air a’ chlachair a snaigheadh mar chuimhneachan air Mo Rùn Geal Òg. Chuir am Frisealach suas i far a bheil i fhathast.
Chan urrainn dhomh a ràdh dè a’ bhliadhna a chaidh a’ chlach a chur suas agus an robh Cairistìona fhathast beò. Anns a’ chunntas aige, tha Alasdair Friseal, an t-ogha, ag innse dhuinn mu na chuala e aig caraid dha. Bha e mu dheidhinn Cairistìona anns na làithean an dèidh Blàr Chùil Lodair. Bha i fhathast an dòchas nach robh an naidheachd mu bhàs an duine aice fìor.
Latha a bha seo, ge-tà, thàinig luchd-siubhail don bhaile aice. Dh’aithnich i an obair snìomha agus an obair fighe aice fhèin anns na buill-aodaich aca. Thuig i nach tilleadh an duine aice dhachaigh a-chaoidh.