FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Nighean Aonghais Òig 

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn Mo Rùn Geal Òg. An t-seachdain seo, tha mi airson sùil a thoirt air dàn eile co-cheangailte ri ar-a-mach nan Seumasach.

Audio is playing in pop-over.

Nighean Aonghais Òig 

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn Mo Rùn Geal Òg. An t-seachdain seo, tha mi airson sùil a thoirt air dàn eile co-cheangailte ri ar-a-mach nan Seumasach. A-rithist, bha e air a sgrìobhadh le boireannach. B’ ise tè a tha aithnichte mar Nighean Aonghais Òig. Chan eil sinn cinnteach dè an t-ainm-baistidh a bh’ oirre. Bhuineadh i do Dhòmhnallaich na Ceapaich ann an Loch Abar.

Bha Dòmhnallaich na Ceapaich gu math taiceil do dh’adhbhar nan Seumasach. Agus bha Nighean Aonghais Òig a’ dol leis na cinn-chinnidh aice. Thathar ag ràdh gur e bana-bhàrd a bh’ innte ach, gu mì-fhortanach, chan eil againn an-diugh ach aon dàn a sgrìobh i le cinnt. ʼS e sin Òran air Teachd Phrionnsa Teàrlach ‘a song on the coming of Prince Charles’.

Seo agaibh a’ chiad rann. Feuchaibh ri innse an robh e air a sgrìobhadh ro Bhlàr Chùil Lodair no às a dhèidh. An ulaidh phrìseil bha uainne ’S ann a fhuair sinn an-dràst’ i, Gum b’ i siud an leug bhuadhach, Ga ceangal suas leis na gràsan, Ged leig Dia greis air adhart, Don mhuic bhith cladhach nad àite, Nis o thionndaidh a’ chuibhle, Thèid gach traoidhtear fo’r sàiltean.

Tha an dàn seo gu tur eadar-dhealaichte bhon fhear anns an Litir mu dheireadh, nach eil? Bha Mo Rùn Geal Òg mu dheidhinn call air sàillibh blàr. Bha e air a sgrìobhadh an dèidh latha Chùil Lodair. Ach chaidh Òran air Teachd Phrionnsa Teàrlach a sgrìobhadh ron latha sin, nuair a bha dòchas fhathast aig na Seumasaich gum biodh buaidh aca. Thathar a’ smaoineachadh gun robh e air a sgrìobhadh as t-fhoghar seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745).

Tuigidh sibh gun robh Nighean Aonghais Òig fada an aghaidh nan Hanoibhèirianach, gan samhlachadh air mucan. Sgrìobh i: Ged leig Dia greis air adhart, Don mhuic bhith cladhach nad àite. Rinn i soilleir gun robh a’ chuibhle air tionndadh agus gum biodh an riaghaltas Hanoibhèirianach air a shaltradh fo chasan nan Seumasach.

Seo agaibh an siathamh rann: Tha dream foghainteach, fearail, À Gleanna Garadh ’s à Cnòideart, Fo n’ cinn-fheadhna nach tilleadh, ʼS nach gabhadh giorag ro chòmhrag, Gu borb, armailteach, lìonmhor, A’ dol sìos anns a’ chòmhdhail, ’S mairg a tharladh for buillibh, A shìl nan curaidhean còire!

Tha Nighean Aonghais Òig ag ainmeachadh meuran de Chloinn ʼic Dhòmhnaill – à Gleanna Garadh agus à Cnòideart. Tha iad foghainteach is fearail. They are valiant and manly.

Seo na tha seantansan eile a’ ciallachadh. Fo n’ cinn-fheadhna nach tilleadh. Under the clan chiefs who wouldn’t retreat. ʼS nach gabhadh giorag ro chòmhrag. And who wouldn’t panic in combat. Gu borb, armailteach, lìonmhor. Wild, well-armed and in large number.

Aig a’ cheann thall, cha deach an t-ar-a-mach leis na Dòmhnallaich no le Nighean Aonghais Òig. Gu mì-fhortanach, chan eil fios againn an do sgrìobh i dàn eile, a’ comharrachadh deireadh iomairt a’ Phrionnsa Theàrlaich.

Litir 1224 Litir 1224 Litir 1226 Litir 1226

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!