FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pàraig an Òir

Bha mi a’ seòladh turas faisg air ceann an iar-dheas Mhuile agus tha cuimhne agam gun robh e gu math cunnartach.

Audio is playing in pop-over.

Pàraig an Òir

Bha mi a’ seòladh turas faisg air ceann an iar-dheas Mhuile agus tha cuimhne agam gun robh e gu math cunnartach. Tha sreath sgeirean agus bodhachan an sin a tha clàraichte air na cairtean-mara mar ‘Torran Rocks’. Anns an t-seann aimsir, feumaidh gun robh iad air leth cunnartach do mharaichean.

Tha sgeul beag agam dhuibh an t-seachdain seo a tha a’ tòiseachadh anns an sgìre sin. ʼS e an t-ainm a th’ air ‘Pàraig an Òir’. Latha a bha seo, bha Pàraig agus dithis eile ag iasgach an sin. Chunnaic iad long mhòr. Bha i a’ dèanamh air na sgeirean. Dh’fheuch na h-iasgairean ri rabhadh a thoirt don sgiobair mun chunnart.

Thàinig an long faisg orra. Dh’èigh an sgiobair, nan tigeadh fear dhen triùir aca air bòrd airson an stiùireadh tro na sgeirean gu sàbhailteachd, gum faigheadh e deagh dhuais. Thilg Pàraig ceann ròpa thuca agus shreap e air bòrd. Rinn e iùil dhaibh, agus fhuair an long tro na sgeirean.

Ge-tà, rinn an sgiobair rud olc. Gheàrr e an ròpa don eathar, a’ fàgail caraidean Phàraig às an dèidh. Thuirt an sgiobair gun robh iad air an t-slighe a dh’Ameireagaidh agus gu feumadh e obair a ghabhail air bòrd mar bhall dhen chriutha. Cha robh taghadh aige.

Nuair a ràinig Pàraig Ameireaga, bha glè bheag de dh’airgead aige agus cha robh Beurla sam bith aige. Chaidh a thoirt a-steach gu oifis far an do bhruidhinn fear ris ann an Gàidhlig. Cò bh’ ann ach am fear leis an robh an long! Dh’inns Pàraig dha gur ann à Eilean Ì a bha e. Mhìnich e dha mar a thachair.

Dh’iarr am fear leis an robh an long air an sgiobair thighinn a bhruidhinn ris. ‘A bheil thu ag aithneachadh an duine seo?’ thuirt e, a’ comharrachadh Phàraig.

‘Tha,’ ars an sgiobair. ‘Bha e na bhall dhen chriutha. Leig mi air a’ chidhe e, nuair a ràinig sinn Ameireaga.’

‘Breugan!’ thuirt fear an luingeis. Agus fhuair an sgiobair a throd. ‘Thalla thus,’ thuirt fear an luingeis ris, ‘agus faigh còig ceud punnd Sasannach a bheir thu don duine seo. Mura dèan thu sin taobh a-staigh dà uair a thìde, bidh thu a’ cur seachad a’ chòrr dhed bheatha sa phrìosan!’

Thug fear an luingeis Pàraig gu bùth airson aodach a cheannach dha. Nuair a thill iad, bha an sgiobair ann le còig ceud punnd ann am buinn òir. Thuirt e gun toireadh e Pàraig dhachaigh a dh’Alba ach dhiùlt fear an luingeis sin. ‘Tillidh Pàraig còmhla riumsa air soitheach eile,’ thuirt e.

Rinn Pàraig màileid dha fhèin anns an do chùm e na buinn òir. Ràinig e Grianaig agus ghabh e soitheach gu ruige Muile. Choisich e gu Fionnphort air an Ros Mhuileach agus chaidh e thar a’ chaolais a dh’Eilean Ì. Bha bliadhna air a dhol seachad on a chaidh e air an luing, agus cha robh dùil aig duine gun tilleadh e.

Bha muinntir Ì eòlach air mar Phàraig an Òir. Bho àm gu àm, bhiodh e a’ toirt a-mach bonn òir airson a shealltainn do chloinn an eilein. Dh’innseadh e dhaibh gum b’ e sin an duais a fhuair e bhon latha-iasgaich a b’ fhaide a bh’ aige riamh.

Litir 1222 Litir 1222 Litir 1224 Litir 1224

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!